AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Mholainn "Mo roghainnean" an àite "Mo sheataichean". Dé ur beachdan?

Thoir freagairt

Freagairtean dhan deasbad seo

Tha sin a' soundadh ceart gu leòr dhomhsa.

Thoir freagairt

Tha coltas nas ghleansaich’ air sin gun teagamh. Tha mi a' moladh "Na deasbadan agam" an àite “My Discussions”.

Thoir freagairt

Tha "na deasbadan agam" rud beag nas nàdarra na "Mo dheasbadan" ceart gu leòr. Ach mholainn fhìn "Mo dheasbadan" air sgàth 's gu bheil e nas giorra, agus gu h-àraid air sgàth gu bheil e a' co-fhreagradh ri "Mo chàirdean", "Mo roghainnean" agus "Mo duilleag".

Thoir freagairt

Tha thu ceart gu bheil "na deasbadan agam" ro fhada, ach air an taobh eile ma-ta, nach biodh e na b' fhearr "mo" no "agam" a' sguabadh as uile gu leir, agus direach "deasbadan" a bhith ann. Chan urrainn "deasbadan" a bhith aig aon neach a-mhain co-dhiu! 'Ueill 's urrainn, ach bhiodh e ga fhaicinn rud beag cearr na cheann!

Thoir freagairt

Chleachd mi "Mo dheasbadan" air sgàth 's gu bheil e nas giorra, gu bheil e a' dol le "Mo roghainnean" m.s.a.a agus air sgàth 's gu bheil mi nam modaireator, bidh mi a' faicinn "My Discussions" airson na deasbadan a sgrìobh mise agus "Discussions" airson na deasbadan gu leir neo eisimpleir nas fhèarr bidh mi a' faicinn "Mo roghainnean" airson roghainnean a tha a' buntainn ris mo chunntas phearsanta, agus "Roghainnean" airson Abair Thusa air fad.

A bheil sin a' dèanamh ciall??

Thoir freagairt

Tha sin a' dèanamh ciall.

Airson "Delete debate", chanainn "Sguab às an deasbad" no "Sguab an deasbad às".

Thoir freagairt

Molaidhean eile:

View Discussions » Seall deasbadan

Forum Home - Duille mòr an fhòram

Would You Like to Upload Files? - A bheil thu ag iarraidh faidhlichean a chur ann?

Add your reply - Cuir do fhreagairt ann

Thoir freagairt

Mòran taing airson na freagairtean agad. Tha Gàidhlig air 28% de Abair Thusa a-nis.

Thoir freagairt

> Forum Home - Duille mòr an fhòram

Tha na molaidhean eile ceart gu leòr, ach cha toigh leam am fear seo idir. "Prìomh-duilleag an fhòraim" no "Dachaigh an fhòraim" a chanainnse.

Chan fhaca mi riamh am facal sin "duille" no "duille mór" ach a-mhàin anns an eadar-theangachadh Gàidhlig de Wikipedia. Tha Dwelly ag ràdh gu bheil e a' ciallachadh, "sheath; blade; vagina". Tha fhios gun robh am facal ann, agus gun robh e a' ciallachadh "leaf", agus gun tug e dhuinn na faclan "duilleag" agus "duilliur", ach bhiodh móran ga thuigsinn san latha an-diugh.

Tha tòrr den eadar-theangachadh Gàidhlig de Wikipedia gu math ropach - "Cuir a-mach" air "Logout", mar eisimpleir!!

Thoir freagairt

A bheil Gàidhlig agaibh airson by default? Tha mi airson na leanas a sgrìobhadh:-

Who can view my photos, videos, and blog posts by default?

Cò tha comasach air mo dhealbhan, bhidiothan, agus bhlòg fhaicinn...?

Cuideachd ciamar a sgrìobhas tu View All mura h-eil cuspair agad?

Tha mi air a bhith a' cleachdadh Seall X gu lèir airson View all X a' sgrìobhadh.

F.s. Tha Gàidhlig air 32% de Abair Thusa a-nis.

Thoir freagairt

Saoilidh mi gu bheil Seall X gu lèir ceart gu leòr, no Seall a h-uile X

View All - Seall gach

Thoir freagairt

Fear eile

Stop Following– Don't email me when people reply

Sguir a leantainn - Na cuir post-d thugam nuair a bhios feagairt ùr ann

Thoir freagairt

Thoir freagairt

RSS

Naidheachdan BBC Alba

Urras a' dol às àicheadh cnap-starra

Uachdaran coimhearsnachd ag ràdh nach eil iad a' dol sa rathad air pròiseactan gaoithe coimhearsnachd.

Ceistean mu spreadhaidhean Inbhir Nis

Ceistean mu mar a chaidh uidheamachd spreadhaidh fhàgail faisg air dachannan sa Mharc Innis.

Bàtaichean gam milleadh an Inbhir Narrann

Boireannach an grèim as dèidh mar a chaidh bàtaichean nan teine ann an Inbhir Narrann sa mhadainn.

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2010   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil   Powered by .

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Terms of Service