Mholainn "Mo roghainnean" an àite "Mo sheataichean". Dé ur beachdan?

Views: 39

Thoir freagairt

Freagairtean dhan deasbad seo

Steafan MacRisnidh said:
Na diochuimhnich "air" a chur le "feille"! Chan eil e ciallachadh "popular" gun an "air" comhla rithe!

Tha mi a’ tuigsinn na tha thu a’ ciallachadh a Steafain, “Tha féill orra” (they are popular). Ach chan eil dad ceàrr air “Bhidiothan as motha féille” (the most popular videos) gun “orra” a bhith aig a’ dheireadh. Bha mi aig bòrd an-diugh le triùir de shaoidhean (Mark Wring agus Calum MacIlleathain nam measg) agus bha iad riaraichte go leòr le “as motha féille”, “as motha iarrtais” gun “orra” aig a’ dheireadh. An rud nach robh a’ còrdadh riutha cho math idir, b’ e am facal “féill” fhéin. Bha iad airson “taghte” a chur air “popular”. Ach cha b’ urrainn dhuinn dìreach “Bhideothan taghte” a chur air “most popular videos”. An seann comparitive air “taghte” ’s e “docha” (gun sràc!), ach bhiodh “Bhideothan is docha” caran seann fhasanta agus is dòcha nach biodh móran daoine ga thuigsinn an toiseach.
Seadh. "Bhideoan as motha fèille", chan eil sin dona idir. Ach, an tug sibh uile sùil air an fhacal "measail"? Chuireadh Crìstean "Bhideoan as measail (aig daoine)". Tha sin a' ciallachadh "popular" san t-seagh seo cuideachd, ged nach e sin an ciall a nochdas ann an Dwelly air "measail "na aonar. Chan eil cuimhne agam a-nis càit’ an do chuala mi “measail” air a chleachdadh san t-seagh seo, ach chuala gun teagamh.

Tha "taghta" math. De mu dheidhinn bhith direach leigeil as an comparative sin? “Bhideothan as taghta.” Thuigeadh daoine e gun trioblaid sam bith ged nach biodh e ceart a-rèir an t-seann Ghàidhlig.

Fhad ‘s a tha thu an seo, a Chaoimhin. Am faod mi faighneachd dè is adhbhar gum bi thu fhèin a’ cleachdadh na dhà stràcan – geur is mall – anns do chuid sgrìobhaidh air làraich mar Wikipedia, agus an seo mar an ceudna, ach nach bi thu dèanamh sin air làrach SMO?

Caoimhín Ó Donnaíle said:
Steafan MacRisnidh said:
Na diochuimhnich "air" a chur le "feille"! Chan eil e ciallachadh "popular" gun an "air" comhla rithe!

Tha mi a’ tuigsinn na tha thu a’ ciallachadh a Steafain, “Tha féill orra” (they are popular). Ach chan eil dad ceàrr air “Bhidiothan as motha féille” (the most popular videos) gun “orra” a bhith aig a’ dheireadh. Bha mi aig bòrd an-diugh le triùir de shaoidhean (Mark Wring agus Calum MacIlleathain nam measg) agus bha iad riaraichte go leòr le “as motha féille”, “as motha iarrtais” gun “orra” aig a’ dheireadh. An rud nach robh a’ còrdadh riutha cho math idir, b’ e am facal “féill” fhéin. Bha iad airson “taghte” a chur air “popular”. Ach cha b’ urrainn dhuinn dìreach “Bhideothan taghte” a chur air “most popular videos”. An seann comparitive air “taghte” ’s e “docha” (gun sràc!), ach bhiodh “Bhideothan is docha” caran seann fhasanta agus is dòcha nach biodh móran daoine ga thuigsinn an toiseach.
A Steafain,

Ach, an tug sibh uile sùil air an fhacal "measail"? Chuireadh Crìstean "Bhideoan as measail (aig daoine)"

Tha thu ceart. Bha “as measail”, "Clàir as measail”, agus "Seallaidhean as motha” ann an diofair àiteachan agus iad uile a’ ciallachadh “most viewed”. Tha mi air “as measail” atharrachadh gu “as motha sheallaidhean”, “Clàir as measail” atharrachadh gu “Clàir is tric sealltainn orra”. (Tha mi an dòchas gu bheil sin ceart gu leòr a Chrìstein - Mura h-eil faodaidh tu a atharrachadh a-rithist.) Tha mi a’ smaoineachadh gum biodh “as measail” a’ ciallachadh “highest rated” (most stars), seach “most viewed”.

De mu dheidhinn bhith direach leigeil as an comparative sin? “Bhideothan as taghta.” Thuigeadh daoine e gun trioblaid sam bith ged nach biodh e ceart a-rèir an t-seann Ghàidhlig.

Deagh bheachd. Ged a bu thruagh an “docha” a chall. Smaoineachamaid m’a dheidhinn.

Fhad ‘s a tha thu an seo, a Chaoimhin. Am faod mi faighneachd dè is adhbhar gum bi thu fhèin a’ cleachdadh na dhà stràcan – geur is mall – anns do chuid sgrìobhaidh air làraich mar Wikipedia, agus an seo mar an ceudna, ach nach bi thu dèanamh sin air làrach SMO?

Tha mi a’ cleachdadh sràcan geur agus mall anns a h-uile rud a sgrìobhas mi, agus bha riamh, ach a-mhàin rud a tha a’ dol a nochdadh fo ainm chuideigin eile. Ach chan e mise an aon neach a bhios a’ sgrìobhadh dhuilleagan air làraich an t-Sabhail! Tha daoine eile a’ sgrìobhadh nan duilleagan oifigeil mu na cùrsaichean, 7c. Na duilleagan gu léir a sgrìobh mise, tha “CPD” beag aig am bonn. Tha mi gan cleachdadh an dà sràc oir tha mi a’ smaoineachadh gu bheil iad gu math cudthromach dhan luchd-ionnsachadh. Tha fuaim gu math eadar-dhealaichte air “Có a tha aig a’ bhòrd” agus “Cò a tha aig a’ bórd”.
A bheil molaidhean aig duine sam bith airson na leanas?

Mon Tue Wed Thurs Fri Sat Sun
M T W T F S* S*

Jan Feb Mar Apr May Jun Jul Aug Sep Oct Nov Dec
J F M* A M* J* J* A S O N D
Tha mi fhìn ag aontachadh leis a’ bheachd sin a thaobh na sràcan, ach cha bhi mi cleachdadh an sràc gheur a-nis idir. Tha mi smaoineachadh gum bheil e ceart cho math dha daoine bhith ag ionnsachadh na fuaimean eadar-dhealaichte bho bhith ag èisteachd ri deagh Ghàidhlig, agus chan ann a-mhàin bho bhith leughadh nam faclan.

A thaobh “taghta”, tha mi smaointinn mura bheil misneachd agaibh “docha” a chleachdadh air eagal ‘s nach tuig daoin’ e, tha “docha” air chall mu-thràth! Is ùrachadh atharrachadh….
Is math ma dh' obraicheas sinn air sin. Chuirinn fhìn mar seo iad. DiL DiM DiC DiA DiH DiS DiD

Crìstean MacMhìcheil said:

Bidh e duilich faighinn a-mach dè am fuaim ceart ma bhios tu a' leughadh facal ùr co-dhiù mura bhios seann fhaclair agad leis an dà shràc ann, no mura bhios CD ri fhaighinn leis an leabhar.
Sin na cleachd mi air FnG cuideachd, agus na mìosan mar sin:

Jan = Faoi
Feb = Gear
Mar = Màir
Apr = Gibl
May = Cèit
Jun = Ògmh
Jul = Iuch
Aug = Lùna
Sep = Sult
Oct = Dàmh
Nov = Samh
Dec = Dùbh

Steafan MacRisnidh said:
Is math ma dh' obraicheas sinn air sin. Chuirinn fhìn mar seo iad. DiL DiM DiC DiA DiH DiS DiD

Crìstean MacMhìcheil said:
A bheil molaidhean aig duine sam bith airson na leanas?

Mon Tue Wed Thurs Fri Sat Sun
M T W T F S* S*

Jan Feb Mar Apr May Jun Jul Aug Sep Oct Nov Dec
J F M* A M* J* J* A S O N D
Thuirt Steafan
DiL DiM DiC DiA DiH DiS DiD

Is math leam sin!

Agus mar sin “L M C A H S D” mur am biodh rùm ann ach airson aon litir a-mhàin. Ach bhiodh sin gu math cunnartach oir dh’fhaodadh daoine a bhith a’ smaoineachadh gun robh ‘A’ a’ ciallachadh an Aoine agus ‘D’ a’ ciallachadh Diardaoin. Tha e nas fheàrr feuchainn ri na giorrachaidhean aon-litreach a sheachnadh uile gu léir!
Mòran taing airson ur molaidhean a Steafain agus a GhunChleoc. Tha mi air DiL a chur air Mon agus M, Faoi air Jan agus J agus m.s.a.a.
Ueill. Cha bhi ach airson corra fhacal.... Tha ceangal aig mòran a-nis ris an lion agus ma bhios sin aca, thèid iad gu http://www2.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/bb/bb.html

‘S e sin ceangal ris a’ Bhriathrachan Bhige, agus tha faidhle fuaim ann an seo airson cha mhòr a h-uile facal a th’ anns a’ Bhriathrachan seo. Leis an eadar-lìon, tha an cothrom ann èisteachd ris a’ Ghàidhlig fad an latha, a h-uile latha! Ma nì iad sin, bidh e furasta tomhas math a dhèanamh air fuaimneachadh faclan nach do leugh iad roimhe.

Thuirt GunChleoc:
Steafan MacRisnidh said:
Tha mi fhìn ag aontachadh leis a’ bheachd sin a thaobh na sràcan, ach cha bhi mi cleachdadh an sràc gheur a-nis idir. Tha mi smaoineachadh gum bheil e ceart cho math dha daoine bhith ag ionnsachadh na fuaimean eadar-dhealaichte bho bhith ag èisteachd ri deagh Ghàidhlig, agus chan ann a-mhàin bho bhith leughadh nam faclan.

A thaobh “taghta”, tha mi smaointinn mura bheil misneachd agaibh “docha” a chleachdadh air eagal ‘s nach tuig daoin’ e, tha “docha” air chall mu-thràth! Is ùrachadh atharrachadh….
Bidh e duilich faighinn a-mach dè am fuaim ceart ma bhios tu a' leughadh facal ùr co-dhiù mura bhios seann fhaclair agad leis an dà shràc ann, no mura bhios CD ri fhaighinn leis an leabhar.
'S e deagh ghoireas a th' ann seo, tapadh leat!

Thuirt Steafan MacRisnidh:
Ueill. Cha bhi ach airson corra fhacal.... Tha ceangal aig mòran a-nis ris an lion agus ma bhios sin aca, thèid iad gu http://www2.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/bb/bb.html

‘S e sin ceangal ris a’ Bhriathrachan Bhige, agus tha faidhle fuaim ann an seo airson cha mhòr a h-uile facal a th’ anns a’ Bhriathrachan seo. Leis an eadar-lìon, tha an cothrom ann èisteachd ris a’ Ghàidhlig fad an latha, a h-uile latha! Ma nì iad sin, bidh e furasta tomhas math a dhèanamh air fuaimneachadh faclan nach do leugh iad roimhe.

RSS

Naidheachdan BBC Alba

Ceistean mu Shionnach Cholbhasa

Muinntir Cholbhasa a' ceasnachadh mar a thainig sionnach marbh gu bhith air an eilean.

Tuilleadh thrioblaidean le siostam uisge Uibhist a Tuath

Uisge na h-Alba gus sreath choinneamhan a chumail an Uibhist a Tuath is daoine a' gearain air siostam an uisge.

Poilis a' rannsachadh bàs fireannaich an Uibhist

Tha na poilis air duine a chaidh a lorg ri taobh an rathaid an Uibhist a Deas ainmeachadh.

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan