AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

A Chàirdean chòir,

an do leugh sibh na chaidh a bheachdachadh ann an "Scottish Gaelic Speakers Unite!" air facebook a thaobh Fàinne do Ghàidheil Alba Nuaidh ?

Dè ur beachd mu dhèidhinn ? Am bitheadh e freagarrach seo a ghabhail a-steach do luchd Gàidhlig na h-Albann, co-dhiù gur thall 'an Canada no anns an t-Seann-Dùthaich a tha iad a' fuireach ? Chuala mi nach robh fiù na h-Èireannaich cho riaraichte na toilichte mun Fhàinne, agus mu dheich bliadhna air ais chuala mi Gearóid Denvir ag ràdh nach aontaicheadh e ri daoine a ghiùlan na Fàinne fad na h-ùine.

Dè am math a th' innte, ma tha, is dè am math a bhitheadh innte do luchd Gàidhlig na h-Albann ? Am b' fhiach a gabhail a-steach idir ?

Thoir freagairt

Freagairtean dhan deasbad seo

Chan eil mi nam bhall ann an Facebook. Dè thuirt iad?

Thoir freagairt

A GunChleoc chòir,

tha mi duilich gad fhreagairt cho anmoch - bha mi thall 'an Eilean bòidheach Bheàrnaraigh Caolas na Hearadh fad seachdainn gu leth, is mi dìreach air tilleadh feasgar an raoir.

Mhol tè à Ceap Breatuinn, Sè Nic a' Mhaoilein, fàinne a ghabhail a steach do luchd Gàidhlig na h-Albann mar a tha e aig na h-Èireannaich, mar shuaicheantas a nochdadh an ìre a th' aig an neach-giùlan 'sa chànan, agus a bheireadh fàilte air luchd na Gàidhlig eile còmhradh a dhèanamh ris an neach anns a' Ghàidhlig.

Chan eil mi fhèin cho cinnteach an dèanadh a leithid seo de shuaicheantas feum, agus nach cuireadh e daoine fo eagal, is nach meathaicheadh e iad bho a bhith a' brudhinn Gàidhlig, gu h-àraidh an fheadhainn aig nach eil mòran mhisneachd, is an fheadhainn nach eil cho siùbhlach.

Dè do bheachd fhèin ? Am bitheadh fàinne Ghàidhlig na brosnachadh no na bacadh do luchd-labhairt na cànain ?

Thoir freagairt

Rinn mi leinntean-t dhomh fhèin le Gàidhlig ann agus saoilidh mi gu bheil iad nas èibhinne na fàinne sam bith fhaighinn

Thoir freagairt

Thoir freagairt

RSS

Naidheachdan BBC Alba

Urras a' dol às àicheadh cnap-starra

Uachdaran coimhearsnachd ag ràdh nach eil iad a' dol sa rathad air pròiseactan gaoithe coimhearsnachd.

Ceistean mu spreadhaidhean Inbhir Nis

Ceistean mu mar a chaidh uidheamachd spreadhaidh fhàgail faisg air dachannan sa Mharc Innis.

Bàtaichean gam milleadh an Inbhir Narrann

Boireannach an grèim as dèidh mar a chaidh bàtaichean nan teine ann an Inbhir Narrann sa mhadainn.

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2010   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil   Powered by .

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Terms of Service