AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Tha mi air leth toilichte ri ràdh gu bheil AbairThusa ceangailte ri Twitter a-nis! Bidh seo a' ciallachadh gum faod sibh:
  • ur cuid naidheachdan sgaoileadh air Twitter,
  • ur dealbhan, bhidiothan is eile sgaoileadh air Twitter,
  • URL shortener ùr a chleachdadh,

agus uile gun a bhith a' fàgail AbairThusa.

Sgaoilibh ur naidheachdan air Twitter!

Chì sibh gu bheil ìomhaigh Twitter a' nochdadh air ur clàran-aithne a-nis. Seo e:



Ma bhriogas sibh air an ìomhaigh a tha seo, gheibh sibh cothrom ceangal seasmhach a dhèanamh eadar ur cunntas Twitter agus ur clàr-aithne AbairThusa. Faodaidh sibh seo a chur dheth fo 'Mo Roghainnean'.

Sgaoilibh ur susbaint air Twitter!

Tha sibh air a bhith comasach air ur cuid susbaint - a leithid dealbhan, bhidiothan m.s.a.a. - a sgaoileadh air Twitter o chionn grèis ach bidh seo fada nas fhasa a-nis. Chì sibh ìomhaidh Twitter ri taobh a h-uile rud a ghabhas a sgaoileadh air Twitter agus ma tha sibh air ceangal a dhèanamh eadar Twitter agus AbairThusa chan fheum sibh ach briog air.

Ceanglaichean nas giorra!

A-rèir nòsan Twitter bidh AbairThusa a' cleachdadh ceanglaichean goirid airson ur cuid susbaint a sgaoileadh air Twitter. Bidh seo a' dèanamh cinnteach gu bheil rùm gu leòr agaibh airson tweeteadh mar deidhinn!


Sin agaibh e an-dràsta ach thathar an dùil ris an sèirbheis seo agus eile leasachadh san àm ri teachd...

Tìors,

Crìstean MacMhìcheil

fios@abairthusa.co.uk
AbairThusa - Lìon Sòisealta nan Gàidheal
http://abairthusa.co.uk

Thoir freagairt

Naidheachdan BBC Alba

Urras a' dol às àicheadh cnap-starra

Uachdaran coimhearsnachd ag ràdh nach eil iad a' dol sa rathad air pròiseactan gaoithe coimhearsnachd.

Ceistean mu spreadhaidhean Inbhir Nis

Ceistean mu mar a chaidh uidheamachd spreadhaidh fhàgail faisg air dachannan sa Mharc Innis.

Bàtaichean gam milleadh an Inbhir Narrann

Boireannach an grèim as dèidh mar a chaidh bàtaichean nan teine ann an Inbhir Narrann sa mhadainn.

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2010   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil   Powered by .

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Terms of Service