AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Bha mi aig an choinneamh Fhionnlaigh airson Baile Ur Gàidhlig a steidheachadh Diardaoin.

Cha robh fiosrachaidh aig Fhionnlaigh cia mar a h obraich an choimhearsnachd agus feumaidh e tòrr ceistean deatamach a freagairt mun pròiseact nan bhiodh dhaoine a dol leis.

Mheasg e tòrr amasan eadar -dhealaichte ri chèile, nach eile dol ri chèile gu nàdarrach. Tha an amasan na luchd ionnsachaidh gu tur eadar dhealaichte na amasan luchd fileanta.

Gun teagamh bu toigh leum a fuirich far a bheil charaidean Gàidhlig faisg orm, ach aig an aon am, chan eil mi airson a impis na cùis riaghailtean agus an dleastanas airson tarraing barrachd ‘s barrachd luch ionnsachaidh a staigh dhan cànan. Feuch mi cuidich dhaoine eile nuair a s’urrainn dhomh ach chan e tidsear a th’annam. Cia mar a tha sibh a dol a cuir smachd air chlann (airson a bruidhinn Gàidhlig a mhàin – chan urrainn !

Tha Fhionnlaigh a cuir an dan na Gàidhlig anns an plana seo, cha mair an choimhearsnachd beò fon impis mar seo.

Ann an àite na plana mhòr, se mo bheachdsa gum bith e tòrr nas fheàrr nan tòisicheadh e leis an rudan a tachairt an drasda, cearcaill còmhradh agus tachartasan eile. Nan fasadh e iad, tigeadh an choimhearsnachd ur as gu nàdarrach. Tha e duilich nach eil Fhionnlaigh comasach ag obair leis bhuidhnean Gàidhlig eile airson nan leasachaidh.

Tha mi duilich ri ràdh gu robh an rud as miosa a thachairt, thoisich e anns a beurla, airson an dhaoine gun Gàidhlig, agus a toirt leisgeul dhuinn air a son. Nach eil seo a dearbh rud, tha sinn airson ag atharrachadh.

Thoir freagairt

Freagairtean dhan deasbad seo

Sin a dhuil mise, gu mi-fòrtanach.

Thoir freagairt

Thuirt Fhionnlaigh nach robh clann ann an Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ga cleachdadh taobh a-muigh na sgoile agus nach bhiodh ach ‘s docha aon as gach ceud dhiubh a’ bruidhinn gàidhlig dhan cuid cloinne san àm ri teachd. Mur a thèid tar-chur Gàidhlig san dachaidh ciamar a thig fior dà-chànanachas air an t-suidheachadh? An e dìreach geama àireamhan a th’ ann an dràsta? Mar as àbhaist bha a chuid bheachdan a’ dol dhan teas meadhan suidheachadh na Gàidhlig an-diugh. ‘S e sin ri ràdh dè an dòigh as fheàrr gus coimhearsnachd Gàidhlig a’ togail oirnn taobh a-muigh na sgìrean traidiseanta? Ciamar a choileanas sinn ath-thilleadh gluasad cànain? Ach cha robh ach toiseachd tòisichidh a bh’ ann agus bidh tuilleadh coinneamhan ann ach aig an dearbh àm seo ‘s e dìreach aisling a th’ ann. Ann an dòigh nach e sin a tha aig plana bòrd na Gàidhlig? ‘S e sin ri ràdh aisling agus sealladh air an àm ri teachd? Carson a bu choir do mhonopalaidh a bhith aig Bòrd na Gàidhlig, ma bhios feadhainn airson coimhearsnachd ùr a thogail orra mo làn thaic riutha. Agus ma bhios coimhearsnachd ann bhiodh an fheadhainn a bhiodh an sàs den ghnothaich os cionn na riaghailtean nach biodh? Tha Fionnlagh airson àite air an dùthaich ach chaidh moladh a dhèanamh airson a leithid coimhearsnachd ùr a bhith taobh a steach Baile mòr Inbhir Nis (à la Shaw’s Rd Beal Feirste m.e.).

Faisg air làimh an seo ann an Inbhir Narann gheibh thu dà choimhearsnachd a chaidh a thogail air adhbharan diofracithe. Ma dh'fhaoidte gum biodh sibh eòlach air 'The Findhorn Foundation', àite a thòisich ach le 3 caravans agus aisling, 's e coimhearsnachd a tha fhathast ann agus fada nas motha an dràsta. Thàinig an t-airgead leis an fheadhainn a bha deònach nan aislingean a chuir an gnìomh.
Tha àite eile air iomaill a bhaile far an deach coimhearsnachd eile a thogail, coimhearsnachd far a bheil clann mi-cheadaichte - seadh àite neònach ach chaidh a thogail. Firhall Village. Chan eil e do-dhèante gus coimhearsnachd a thogail, chan eil e mi-cheadaicte agus chan eil e mì-laghail agus tha mise a' leigeil mo làn taic do duine sam bith a tha airson sin a dhèanamh ach saoilidh mise gum bi mi a' fuireach ann a sheo ach nan robh mi nas òige bhiodh ùidh mòr agamsa.

Am biodh Fionnlagh ag obrachadh leis na buidhnean Gàidhlig, uill a-rithist, Carson a bu choir don a h-uile càil a bhith fo smachd na buidhnean ud? Tha beag chuid ann nach bi a’ gabhail gnothaich sam bi leis na buidhnean Gàidhlig air grunn adhbharan.* Agus gu dearbh ‘s bhochd nach eil a h-uile duine ann an saoghal na Gàidhlig air an aon ràimh ach chuir nam chuimhe gur e cuideigin a Bhòrd na Gàidhlig a bha bruidhinn a-mach mu dheidhinn an iomairt a tha seo mus robh fiù ‘s coinneamh ann. Seadh gu dearbh tha Fionnlagh buailteach a bhith taobh a-muigh a’ bhocsa leis a chuid bheachdan ach uaireannan ‘s ann às an sgìre sin a tha rudan ùra feumail air tighinn a nochdas aig a cheann thall sa ‘mainstream’. B’ fheàirrde leis a h-uile duine le beagan a bharrachd conaltraidh eadar Fionnlagh agus ‘Till’ agus nan buidhnean Gàidhlig ach tha tìde ann fhathast.
Chì sinn dè thachras ach ‘s ann eadar-ama nach biodh e math nan robh barrachd goireasan ri fhaighinn ann an Inbhir Nis? – Café Gàidhlig mar eisimpleir no a leithid sin far am biodh còmhradh ri fhaighinn a h-uile turas a bha thu sa bhaile mòr?



*
'Ach air an làimh eile tha feadhainn eile ann cuideachd a smaoineachas nach bidh na buidheann mòra riutha, gu bheil iad fad air falbh bhuapa. Is tric a chluinnear a leithid air Ghàidhealtachd mar eisimpleir.'

Ò Maolalaigh, Roibeard, ‘ Co-dhùnadh: A’ Ghàidhlig is a’ Ghaeilge’ ann an Gàidhealtachdan ùra/ Nua-Ghaeltachtaí, deasaichte le Wilson McLeod, Oilthigh Dhùn Èideann (2007) td118


'Ann na còmhradh eile, chaidh a mhìneachadh gun robhar a’ creidsinn ann an seòrsa de ‘mafia’ Gàidhlig, agus gun robh am mafia seo a’ cruthachadh obraichean agus cumhachd dhaibh fhèin. Fior no fallsa, tha feum air na beachdan seo a dheasbad.'

Rothaich, Gillian, ‘Gàidhlig aig an Oir’ ann an Revitalising Gaelic in Scotland: Policy, Planning and Public Discourse, deasaichte le Wilson MacLeod, Duneidin Academic Press, Edinburgh (2006), td233

Thoir freagairt

Ged is mor leam gun soirbhich leis an oidhirp seo, tha e gam chur mun chuairt de is adhbhar nach bi daoine a' sabaid gu dubh airson sgoiltean slan Gaidhlig a steidheachadh air feadh nan Eilean Siar agus an Eilean Sgitheanaich.

Faodaidh oidhirpean eile mar seo a' dol air adhart aig an aon am. Ach tha e deatamach gun teid foghlam tron Ghaidhlig gu leir a chur air bhonn air feadh na Gaidhealtachd. 'S i a' Ghaidhealtachd an seo, na h-eileanan an iar, agus Ile, Tiriodh, Lios mor, agus aiteachan beagan air an tir mhor cuideachd. Chan e an sgire traidiseanta air fad. Gabhaidh foghlam lan Ghaidhlig a chur air bhonn anns na sgirean far a bheil na daoine "Gaidhealach" fhathast. Sin na sgirean far a bheil ceudachd mhath le Gaidhlig aca bho thus.

Thoir freagairt

S'e proiseact gu math inntineach a th'ann. Ged a tha bheachd agamsa mun cuspair, tha mi taicail airson an cothrom a toirt dhuinn agus an rathaid ur a dh'fhosgail Fionnlaigh.

Chan eil dragh orm mun deasbaid air an baile fhein. Nan mhaireadh a ghaidhlig beo 's fallain feumaidh sinn toirt failte dhan bheachdan eadar dhealachte, fuis nach eil ag aontachadh leis an iomart. Chan eil feum againn idir a bith air an aon ramh.

Ach, seo an cnag na cuis, co leis a tha an baile ? Leis an dhoine a fuirich ann ? An bhith ceanard no ughdarras air ceann na coimhearsnachd ? Co leis a tha an riaghaltean ?

Tha torr suidheachadh eadar dhealachte anns an saoghal nan Gaidheal.

Dhaoine og - Luchd ionnsachaidh gun chlann
Teaghlachan - Inbhich Luchd ionnsachaidh agus clann leotha anns an foghlam Gaidhlig.
Teaghlachan fileanta sna Ghaidhlig.(far a bheil gaidhlig mar ciad canan)

Tha Fionnlaigh ag iarradh choimhearnsach far a bheil comas na canan ag fior ard ire, bhith an amas sin a cuir cnap starra air an arreamh na luchd ionnsachaidh agus an comas aca.

Ma tha riaghaltean teann a dol a bhith ann, bhiodh seo an suidheachad as doirbh airson an darna bhuidehan. (Feumaidh parant 's clann a bhith dluth ri cheile agus uaireanan chan urrainn dhaibh cum leis a gaidhlig, gu h-araidh nuair a tha suidheachadh eiginn ann, ged bol leis an ailgheas. Barrachd air a sin, tha toil neo eismeallich aig gach clan - de penneas am bith orra nuair nach eil iad a bhruidhean Gaidhlig - mar nas motha na trioblaid a bhiodh aca, nas motha a bhiodh an tarraing air falbh as a canan !

Chan eil ach an teaghlachan fileanta sna Ghaidhlig (mar ciad canan) air fhagail !

Feumaidh sinn toirt suil gearr air an ceistean diorbh math an prioseact a dol a bhith soirbhicheal.

Thoir freagairt

"Mheasg e tòrr amasan eadar -dhealaichte ri chèile,"

Sin an dearbh rud a cuireas dragh oirmsa.

Chan b' urrainn do dhaoine sam bith deasbaid fhaighinn leis, air sgàths nach eil e deònach ri bruidhinn air amas sam bith gun measgadh. Chan eil cothrom ann airson "partial agreement" no mar sin.

Chan eil mi an aghaidh a' bhaile ud, ach ma tha Fionnlaigh "involved", tha fior eagal orm nach bi e air a thogail riamh, air sgàths nach bi aonta ann riamh.

Thoir freagairt

The debate rages on at: Fòram na Gàidhlig.

Thoir freagairt

Thoir freagairt

RSS

About

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2010   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Prìobhaideachd  |  Terms of Service

Log a-steach dhan seòmar-còmhraidh