Lìon Sòisealta nan Gàidheal
Tùs: http://news.bbc.co.uk/1/hi/scotland/highlands_and_islands/7934676.stm
Tha an cluicheadair giotàr Malcolm Jones, a tha a' cluich sa chòmhlan Runrig, gu math ìseal san ospadal an dèidh dha a dhol ann an laigse aig stèisean rèile Waverley ann an Dùn Èideann aig an deireadh sheachdain.
Bha e air a bhith a' cluich le ball eile den chòmhlan, Iain Bayne, san Eilean Dubh, faisg air Inbhir Nis agus bha e a' tilleadh gu dhachaigh ann am Fiobha.
Dhearbh fear-labhairt bhon chòmhlan gun robh Mgr Jones meadhanach.
Tha Mgr Jones air a bhith sa chòmhlan Runrig bho na 70an.
Chaidh cuairt a bha Runrig dol a thoirt dhan Ghearmailt, an Eilbheis agus an Òstair a chur dheth.
Comharran:
Fàilte gu
AbairThusa
Clàraich
air neo Log a-steach
© 2010 Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil
Powered by
.