Smaoin mi gu bheil sinn (no Gàidhlig) air tighinn gu àite dùbhlanach an drasda.

As dèidh bliadhnachain far an robh deagh adhartas againn, thàinig suidheachadh nas doirbhe anns an breab na sùil agus an slighe againn falaichte anns an cheò a nis.

Tha cothrom againn airson measadh a dèanamh air an rudan as cudthromaiche / freagarraiche anns an am ri teachd. Tha molaidhean agam oirbh uile airson deasbaid a thòisicheadh.

A gluasad bhon ire as cudthromaiche…
1. A toirt misneachd dhan choimhearsnachd Gàidhlig.
2. An Gaidheal Ur a shàbhaladh agus leasachadh.
3. Foghlam tro meadhan Gàidhlig a leasachadh aig ire àrd sgoil.
4. Fèisean tron meadhan a Gàidhlig a leasachadh
5. Stad a gearran/sabaid agus toisich aig eistidh (an da cuid; dhan choimhearsnachdan eile agus dhan choimhearsnachdan againn fhèin).

Views: 2

Thoir freagairt

Freagairtean dhan deasbad seo

Tha iad sin uile cudthromach ach feumaidh sinn cuideachd litreachas agus còmhradh ann an Gàidhlig a bhrosnachadh. Tha cothroman cleachdaidh a dhìth oirn cuideachd. Tha leabhraichean ùra gu math gann ann an Gàidhlig, gu h-àraid feadhainn a tha tarraingeach do dhaoine eadar 15 agus 40. Ged a tha e math agus feumail a bhith a' leughadh leabhraichean mu eachdraidh agus a leithid, chan eil mòran nobhailean no sgeulachdan goirid a' nochdadh. 'S e an trioblaid ged-ta nach eil sgrìobhadairean gu leòr ann. Dh' fheuchainn fhìn air sgriobhadh, ach chan eil feum sam bith annam mar sgeulaiche.

Chan eil e an còmhnaidh furasta a bhith cinnteach a bheil Gàidhlig aig cuideigin. Air mo shon fhìn, 's àbhaist dhomh bruidhinn ri cuideigin air nach eil mi eòlach ann am Beurla an toiseach, air eagal 's nach eil Gàidhlig aca, ach 's e an trioblaid le sin gu bheil e garbh furasta an uairsin cumail ort ann am Beurla. 'S dòcha gum b'fhiach na bràistean beaga a rinn CNAG le G orra fhoillseachadh a-rithist.

Tha e glè mhath a bhith a' brosnachadh na Gàidhlig am measg a' chloinn, ach feumar cuideachd misneachd a thoirt do dh'inbhich agus do dh' fheadhainn a th' air an sgoil fhàgail. Cha mhòr nach eilear a' dithchuimhneachadh mun deidhinn, ach 's ann acasan a bhios an ath ghinealach agus mura bi misneachd acasan, chan ionnsaich iad a' Ghàidhlig dhan cuid cloinne.

RSS

Naidheachdan BBC Alba

Ceistean mu Shionnach Cholbhasa

Muinntir Cholbhasa a' ceasnachadh mar a thainig sionnach marbh gu bhith air an eilean.

Tuilleadh thrioblaidean le siostam uisge Uibhist a Tuath

Uisge na h-Alba gus sreath choinneamhan a chumail an Uibhist a Tuath is daoine a' gearain air siostam an uisge.

Poilis a' rannsachadh bàs fireannaich an Uibhist

Tha na poilis air duine a chaidh a lorg ri taobh an rathaid an Uibhist a Deas ainmeachadh.

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan