AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Leig dhe Murray MacLeoid, bhon Ghaidheal Ur, a dhreuchd mar neach deasachaidh - air sgath 'dith-taic' Bord na Gaidhlig


http://www.an-gaidheal-ur.co.uk/mart09.pdf

Bhon Ghaidheal Ur (Màrt 2009)

Gu mì-fhortanach tha a h-uile coltas ann gur e seo An Gàidheal Ùr mu dheireadh. Tha e air a bhith ro dhuilich maoineachadh fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig agus chan eil an taic sin idir coileanta gu leòr airson seirbheis cheart a chumail a’ dol — gun luaidh air am pàipear a leudachadh agus a leasachadh, rud a bu chòir a bhith san amharc fad na hùine.

Tha a’ bhliadhna a dh’fhalbh air a bhith air leth duilich agus tha am Bòrd fiù ‘s air gearradh air ais air an taic a dh’aontaich iad aig toiseach na bliadhna ionmhais, sa Mhàrt an-uiridh.

Chan eil e an urra rinne suidheachadh a’ Bhùird a mhìneachadh, ach tha iad ag ràdh gu bheil e duilich dhaibhsan, a thaobh riaghailtean, a bhith a’ dèiligeadh ri companaidh neo eisimeileach, rud a th’ anns A’ Ghàidheal Ùr an-diugh, an dèidh dhuinn an dearbh cheum a ghabhail le taic agus làn-aonta a’ Bhùird.

Tha planaichean aig a’ Bhòrd a thaobh iris Ghàidhlig fhoillseachadh agus ma tha duine sam bith airson fiosrachadh fhaighinn air sin bu chòir dhaibh fios a chur thuca fhèin.

Tha e tàmailteach gum feumar an ceum seo a ghabhail oir ’s ioma leasachadh a bha san amharc nan ceadaicheadh an taic dhuinn. Ach, le cùisean cho troimhe-chèile agus gun fhios dè bha gu bhith fa-near dhuinn san àm ri teachd — fiù ‘s airson na bliadhna ionmhais a tha a’ tòiseachadh an ceann trì seachdainean — cha robh roghainn ann ach cùl a chur ris airson ar suidheachadh fhèin a dhìon.

Bu mhath leinn taing a thoirt don luchd-leughaidh, do na sgrìobhadairean agus dhan iomadh neach a thug taic dhuinn thairis air na bliadhnaichean.

Thoir freagairt

Freagairtean dhan deasbad seo

An da, 's math nach robh e idir fior. Agus tha na tha thu ag innse dhuinn a' toirt suaimhneas dhomh! Ach tha e a' cur fearg orm gum b' urrainn do na paipearan-naidheachd breugan sam bith a sputadh a-mach, agus cha teid an coireachadh air a shon!

Cha bhi mi fhin a' leughadh A' Sun, idir, ach 's e an rud a th' ann gun teid cha mhor a h-uile pios naidheachd ceangailte ris a' Ghaidhlig a chur suas mar bhrath aig Iomairtean_Gaidhlig, no Foram na Gaidhlig agus mar sin air aghaidh, agus uaireannan cha bheirear fainear air de am paipear as an tainig e!

Tha fhios gum bu choir suil gheur a bhith agam nuair a leughas mi dad sam bith, ach gu math tric, 's ann an cabhaig a ni mi mo chuid leughaidh leis gum bheil uiread bhrathan Gaidhlig a' taomadh a-steach orm a h-uile latha, bhon a tha mi air m' ainm a chlaradh anns a -uile bord-bhrath Ghaidhlig - (an ire mhath) - a tha ann!

CHan eil Rosemary an sas idir mar neach-obrach dhen bhuidheann a fhuair an cumhnant sin ma-ta? Agus mar an ceudna, chan eil i na ball aig Bord na Gaidhlig? Ueill, 's math nach eil e fior.



Thuirt Art MacCarmaig:
Stefan, a charaid, cha bu chòir dhut a bhith a' creidsinn a h-uile càil a tha thu a' leughadh sa Sun!

Chan eil Rosmeary Ward na ball de Bhòrd na Gàidhlig. Bha i na ball bho chionn bhliadhnaichean ach dh'fhàg i airson dreuchd a ghabhail mar Mhanaidsear Foghlaim a' Bhùird. Bho chionn sia mìosan tha i air a bhith ag obair mar Cheannard an Gnìomh.

Chan eil ceangal sam bith aig Rosemary ris a' chompanaidh a tha an-sàs ann an leasachadh mygaelic.com nas moth. An aon cheangal a tha aice 's e gun robh i a' cumail sùil air a' phròiseact às leth a' Bhùird - rud a tha ceart mar Cheannard na buidhne.

Bha pìos sa Sun a dh'adhbharaich mi-thuigse mun chùis ach cha robh fìrinn sam bith ann.

Thoir freagairt

Chunna mi seo an-diugh:

"It just beat the dickens out of sitting around whining that our paper was dead," Young said.

http://www.latimes.com/news/nationworld/nation/la-na-volunteer-news...

Thoir freagairt

Chan e mhain am pàipear ach 's e buill bais' dhan chànan a th'ann cuideachd
Cha tig cail o Bord na Gaidhlig airson bliadhna co dhiù tha iad ag radh.
An gabh cail a chur air loidhne an dùil?

Thoir freagairt

"It just beat the dickens out of sitting around whining that our paper was dead,"

Gàidheal Ur Ur ? No fiù 's Gath Ur? Saoilidh mi gum faodadh sinn PDF a chur an àirde air loidhne nan robh neach-deasachaidh againn gus a h-uile càil a cheartachadh. Dè ur beachd fhèin?

Thoir freagairt

Tha mi ag aontachadh gum biodh rudeigin air loidhne math, ach chan eil mi cinnteach mu dheidhinn PDF'an air làrach-lìn, mar a th' aig a' Ghàidheal Ùr. Dè mu dheidhinn iris air loidhne a bhiodh a' cleachdadh Wordpress, Squarespace neo rudeigin mar sin?

'S dòcha nach e deagh eisimpleir a th' ann ach 's e Wordpress a tha Naidheachdan Pinc a' cleachdadh, agus tha Rhoda ga chleachdadh airson gOnline a-nis cuideachd.

Thoir freagairt

hmmm....

http://theopensourcenewspaper.org/

Tha Drupal ann an seo, ach chunna mi gu bheil Alfresco ri faotainn 'sa Chuimris an drasda, no a dh'aithghearr

Dh'fheumamaid sgriobhadairean 's deasaichean ' s servers...

Thoir freagairt

Tuigse mi carson a bhiodh duine airson papair naidheach air an eadar linn ach, sann an duilleagan dha rireabh a tha an tlachdmhor agam.

Barrachd air a sin, ma tha sinn airson piseach a dhenamh air an bitheantas na Gaidhlig sna choimhearsneachd albanaich air fad, mar "normalisation", de cothrom nas fhearr na bith ga choimead an canain air an sgeilp na buthtean agus an buird na trainachean nuair a tha dhaoine a fagail a papair naidheachd as an deidh.

Thoir freagairt

An uiridh bha mise air an trèana gu Obar Dheathain agus a’ leughadh An Gàidheal Ur. Bha duine faisg air làimh air a shlighe dhan bhata aige aig cala Obair Dheathain. Thug mi am paipear dha. Thuirt e rium ged nach robh e a’ bruidhinn gàidhlig bha e ga tuigsinn agus comasach ga leughadh le faclair. Bha taigh aige air an dùthaich faisg air Inbhir Pheofrainn.
Rud a chuir iongnadh orm ge-tà, cha robh càil a fhios aige gur robh a leithid An Gàidheal Ur ann. Thuirt e rium gum biodh e airson a leithid a cheannaich. Dhomhsa bha sin a’ togail ceist air margaideachd a’ phàipeir.

A thaobh làraich lìn, tha coltas math air a’ bhathar-bog Drupal ach saoilidh mi gum biodh fìor dheagh ‘learning curve’ na chois. Nam biodh am Bòrd no buidheann neo-eisimeileach (no an dà cuid còmhla Art?) airson a leithid a dhèanamh, an dèanadh cruth forargyll.com a’ chuis? (air an taobh air loidhne co-dhiù).

http://forargyll.com/

Thoir freagairt

Thoir freagairt

RSS

Naidheachdan BBC Alba

Urras a' dol às àicheadh cnap-starra

Uachdaran coimhearsnachd ag ràdh nach eil iad a' dol sa rathad air pròiseactan gaoithe coimhearsnachd.

Ceistean mu spreadhaidhean Inbhir Nis

Ceistean mu mar a chaidh uidheamachd spreadhaidh fhàgail faisg air dachannan sa Mharc Innis.

Bàtaichean gam milleadh an Inbhir Narrann

Boireannach an grèim as dèidh mar a chaidh bàtaichean nan teine ann an Inbhir Narrann sa mhadainn.

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2010   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil   Powered by .

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Terms of Service