AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Des Scholes

Làrach ùr sòisealta tighinn a dh’aithghearr le Bòrd na Gàidhlig: cosgaidh sin £250,000 ge-tà a-rèir The Sun.

Tuilleadh air làrach The Sun
http://www.thescottishsun.co.uk/scotsol/homepage/news/article209904...
Bidh mise a’ fuireach ann an seo a dh’aindeoin sin :-)

Thoir freagairt

Freagairtean dhan deasbad seo

Uill, air aon taobh, tha mi toilichte gu bheil iad airson barrachd a dhèanamh air loidhne agus gu bheil iad airson seirbheis mar seo a thabhann.

Air an taobh eile, bu toigh leam nan robh barrachd dhaoine a' gabhail ann an AbairThusa agus bu toigh leam an làrach-lìn seo leasachadh.

Ach tha mi a' smaointinn gum bidh mi a' cleachdadh an dà-chuid.

Thoir freagairt

Cha chuala mi mu dheidhinn seo roimhe, ach tha e doirbh dhomh a thuigsinn bhon phìos a tha anns an Sun c'air son a bhiodh làrach shoisealta mar sin.

Tha e furasta dhomh a thuigsinn c'air son a tha AbairThusa - làrach fa leth far a bheil a h-uile rud (cha mhór) ag obair sa Ghàidhlig agus a h-uile duine a' bruidhinn na Gàidhlig - coimhearsnachd Ghàidhlig uile gu léir.

Tha e furasta dhomh a thuigsinn c'air son a bhiodh eadar-theangachadh Gàidhlig de Facebook - dh'fhaodadh tu a bhith ag obair tro'n Ghàidhlig mar a thogradh tu, agus cuideachd bhiodh ceanglaichean agad ri do charaidean gu léir aig a bheil a' Bheurla no cànanan eile.

Ach ma's e measgachadh de Ghàidhlig 's de Bheurla a tha gu bhith ann an mygaelic.com, mar a thuigeadh tu bhon phìos sa Sun agus mar a thuigeadh tu bhon ainm "mygaelic.com", dé feum a bhiodh aig lìon soisealta mar sin air làraich fa leth? Dh'fhaodadh e a bhith a cheart cho math ann am buidheann air Facebook.

Ach chan urrainn dhut a h-uile rud a chreidsinn a leughas tu anns an Sun. Tha am pìos an seo beagan nas soilleire:
http://deadlinescotland.wordpress.com/

Tha mi a' tomhas:
1. Nach eil ceangal sam bith aig Rosemary Ward ris a' chompanaidh Creative Cell, mar a shaoileadh tu bhon phìos sa Sun, agus mar a tha pìos aig forargyll.com a' creidsinn.
2. Gur e portal fiosrachaidh is motha a bhios ann an mygaelic.com, mar a bha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh, agus nach bi móran cuideim idir sa lìon soisealta aige. Cha bhi e ann an co-fharpais ri AbairThusa!

Tha mi ag aontachadh gu bheil cairteal millean a' coimhead caran mór - ach a-rithist chan eil am fiosrachadh gu léir againn - airson portal fiosrachaidh; agus gum biodh e na b'fhearr sporanan beaga a thoirt seachad airson phròiseactan mar AbairThusa agus Fòram na Gàidhlig - no fiù's duaisean às déidh làimh airson phròiseactan mar sin a tha air a bhith soirbheachail agus feumail :-)

Thoir freagairt

Tapadh leat airson an fhiosrachaidh seo a Chaomhín. Is dòcha gur e an cuid portal a bhios inntinneach is feumail agus a' cruinneachadh luchd-cleachdaidh ùr.

Ma bhiodh iad airson làrach sòisealta a-mhàin a chruthachadh, bhiodh e mòran nas fhasa is nas saoire seaorse de Ning a chleachdadh mar a rinn Crìstean.

Thoir freagairt

Tha mi ag aontachadh, s mathaid gum bi tuilleadh ri fhaighinn seach lion-soisealta, ach cha chosg e £250,000 airson 'portal' a dheanadh idir. B'urrainn dhut 'free software' a chleachdadh a-rithist airson 'portal' a dheanadh.

Bhiodh e math faighinn a-mach an deach sgrudadh mionaideach a dheanadh air a 'phroposal' aig Creative Cell agus Gillian Thomson. An deach an obair gu 'TENDER' mar eisimpleir?

Tha gu leor de chompanaidhean IT ann a dheanadh 'portal' airson leth dhen chosgais, no cairteal den chosgais - agus bhitheadh goireas miorbhaileach ri fhaighinn. Tha 'portals' miorbhaileach ann mar tha, agus cha d'chosg iad moran idir. Seo eisimpleir no dha - chan eil mi ag radh gum bi iad cho math ri mygaelic - ach tha iad rim faighinn:

http://www.portaportal.com/

No Creative Commons - portal option aca-san:

http://creativecommons.org/weblog/entry/6012

Tha mi a' smaoineachadh gu robh Bord na Gaidhlig air a bhith fada nas glice a mhor-chuid den sporran aca a chumail airson rudan nas cudromaiche na seo, portal ann no as!

Agus mar a thuirt mi, an robh 'TENDER' document ann, airson suim cho mor ri seo...? Tha torr dhaoine gu math crosda mu dheidhinn seo!

Thoir freagairt

Bha 'tender' ann, tuilleadh fiosrachaidh air làrach Stornoway Gazette:
http://www.stornowaygazette.co.uk/news/New-website-should-give-Gael...

Thoir freagairt

http://www.walesonline.co.uk/news/wales-news/2008/06/07/facebook-ch...

.... ris a chanar "crowdsourcing" sa Bheurla. Saor an asgaidh. 'S truagh nach bi leabhraichean-sgoil cho saor.

Thoir freagairt

Dh’fhaodadh nach bu chòir dhuinn creidsinn a h-uile nì a leughas sinn anns an “Stornoway Gazette”, dìreach mar pàipear sam bith eile! Ge air bith gur de an seòrsa làrach-lìn a tha gu bhi ann, chaneil mi tuigsinn carson nach e “moghaidhlig.com” an t-ainm a bhiodh air.

Des Scholes said:
Bha 'tender' ann, tuilleadh fiosrachaidh air làrach Stornoway Gazette:
http://www.stornowaygazette.co.uk/news/New-website-should-give-Gael...

Thoir freagairt

Tha an deasbad seo air duilleagan an Albannach ruigsinn a-nis ann an artaigil a sgrìobh Seon C Caimbeul: Eil Bòrd na Gàidhlig a' cosg airgid air seìrbheis a th' ann mar-thà?.

Thoir freagairt

Tha http://www.mygaelic.com/ beò a-nis. Dè ur beachdan?

Thoir freagairt

Tha mise ag aontachadh le na sgrìobh cuideigin thall aig Fòram na Gàidhlg, cosgail agus Prìomhachas don bheurla.

' 's e làrach mhath a th' ann.....airson luchd na Beurla. Ach 250 000 not? Gheibheadh tu am fiosrachadh a tha air an làrach seo, air làrach Comann na Gàidhlig ged nach eil cothrom ann gabhail ann mar bhall.'

Thoir freagairt

Tha mise a' dol le sin cuideachd a Dhes.

Bha mi dìreach a' bruidhinn ri Rhoda aig gOnline. Cha robh ise airson dad a ràdh ach seo na sgrìobh AT air gOnline:

'Tha e gun chiall! Le bhith a’ coimhead air a seo - an t-airgead a chosg iad, agus na tha thu a’ faighinn. Tha e:

1. Ann am Beurla - OK ’sdocha gu bheil e airson luchd na Beurla, ach carson a tha airgead na Gaidhlig -tro Bhord na Gaidhlig - ga chosg air? Nuair a dh’fhaodadh iad a bhith ga chosg air rudan tro mheadhan na Gaidhlig.

2. Leanabail - na h-adverts - am faca daoine na h-adverts section? Cho patronising!

3. Dodgy - ceangail oifigeil ris an Sun Newspaper. Carson? Tha iad an aghaidh na Gaidhlig.

4. Chan eil na links ag obair air an larach.

5. Boring - tha cuid dhe na faclan a sgriobh iad gad fhagail nad chadal - mar eisimpleir am pios mu ‘TOURISM’ - co leughas sin? Chan e luchd-turais - tha iad ag iarraidh rud fada nas fhearr na sin.

6. Tha dathan snog air - ach sin an aon rud a tha mu dheidhinn - na dathan!'

Thoir freagairt

Thoir freagairt

RSS

Naidheachdan BBC Alba

Urras a' dol às àicheadh cnap-starra

Uachdaran coimhearsnachd ag ràdh nach eil iad a' dol sa rathad air pròiseactan gaoithe coimhearsnachd.

Ceistean mu spreadhaidhean Inbhir Nis

Ceistean mu mar a chaidh uidheamachd spreadhaidh fhàgail faisg air dachannan sa Mharc Innis.

Bàtaichean gam milleadh an Inbhir Narrann

Boireannach an grèim as dèidh mar a chaidh bàtaichean nan teine ann an Inbhir Narrann sa mhadainn.

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2010   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil   Powered by .

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Terms of Service