AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Tha mi ag obair air pìos ùr airson Naidheachdan Pinc ach chan eil mi cinnteach ciamar a chuireas mi Gàidhlig air pàirt dhe.

Seo agaibh na th' agam sa Bheurla:

The Presbyterian Church (USA) has tapped a 13-member committee to investigate the place same-sex unions should have in Christianity and wider society and issue a report in 2010.

Agus seo na tha mi air sgrìobhadh sa Ghàidhlig:

Tha Eaglais Chlèireach nan Stàitean Aonaichte air comataidh ùr stèideachadh gus faighinn a-mach an àite a bu chòir a bhith aig aonaidhean aona-ghnèitheach taobh a-staigh Criosdaidheachd agus a' choimhearsnachd san fharsaingeachd.

Dè ur beachd? A bheil seo ceart gu leòr neo a bheil eadar-theangachadh nas fheàrr agaibh?

Thoir freagairt

Freagairtean dhan deasbad seo

Tha Eaglais Chlèireach nan Stàitean Aonaichte air comataidh ùr a stèidheachadh gus an t-àite fhaighinn a-mach a bu chòir a bhith aig aonaidhean aona-ghnèitheach taobh a-staigh Criosdaidheachd agus na coimhearsnachd san fharsaingeachd.



Sin a bhithinn a' sgrìobhadh

le deagh dhùrachd
Mìcheal

Thoir freagairt

Mòran taing airson ur cuideachadh a Mhìcheil. Bha sinn a' deasbad seo air FnaG agus seo na chleachd mi:

Tha Eaglais Chlèireach nan Stàitean Aonaichte air comataidh ùr stèideachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air dè an t-àite a bu chòir a bhith aig aonaidhean aona-ghnèitheach sa Chrìosdachd agus sa choimhearsnachd san fharsaingeachd.

Thoir freagairt

Thoir freagairt

RSS

About

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2010   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Prìobhaideachd  |  Terms of Service

Log a-steach dhan seòmar-còmhraidh