Lìon Sòisealta nan Gàidheal
Duilich, ach chan eil freagairtean ceadaichte anns an deasbad seo.
Comharran:
Is toil leam soighnichean ann an cànanan tusail sam bith.
Barrachd air sin, chan e Albannach a th' annam is mar sin bidh na soidhnichean dà-chànanch glè fheumail dhomh ri taobh cuid mhòr de na h-ainmean Beurla cuideachd. Tha dòigh-sgrìobhaidh na Beurla ro dhà-sheaghach airson faighinn a-mach ciamar a dh'fhuaimnicheas mi iad.
Tha e cudromach gum bi coltas eadar-dhealaichte air an dà chànan, agus gum bi na soighnichen den aon seorsa deante air an aon dòigh. Bidh iad furasta gu leòr ri leughadh mar seo.Seadh - agus a bheil e a' dèanamh diofair dhuitsa ma tha an dà chànan ann an dà dhath? Chunnaic mi soighne faisg air Bruach Mhuire (Marybank) ann an Siorramachd Rois agus 's ann mar seo a bha e - laigh mo shùil-sa gu dath na Gàidhlig sa bhad!
Seadh, tha sin inntinneach gu leòr a Choinnich. A thaobh sat nav, cha b' urrainn dha a bhith dad nas miosa na an guth digiteach sin a chluinneas tu air an trèan à Mallaig gu Glaschu - bhathar a' cur cuideim air an dara cuid de gach ainm, rud a bha dìreach na cùis-ghràin na mo chluais! M.e., MallAig, ArisAig, BanAvie is mar sin air adhart!
Dì-meas air ar cànan is e seo nam bheachdsa. Ach is e an rud is miosa, gun tòisich daoine a' fuaimneachadh nan ainmean san aon doigh. Eadhan muinntir ionadail!
Obh Obh!
Far am biothidh sanasan da chanach b'fhearr leam gum bith a' Ghaidhlig anns a h-aon clodh ris a' Bheurla agus a-roimhe na Beurla.
Is e sin an módh oifigiuil an Eireann bho 1 Mhairt 2009, tha mi a' smaointinn gu bheil sin an doigh as ciallach- chithear a' Ghaelionn (Gaidhlig na h-Eireann) mus am faicear am Beurla agus mar sin ma bhitheas a' Ghaidhlig agad leughaidh tu ise, ged a bhiodh do chiad chainnte litrichidh am Beurla (An luib an doigh a chaidh a'Ghaidhlig air laimhseachadh 's na sgoiltean chan eil a' Ghaidhlig na chiad chainnte leughta aig Gaidheal air bith, eadhan an cuid nach chuala na Beurla riamh mus deachaidh iad dhan sgoil).
Tha fios agam gu bheil an seann nos clódh a' coimhead gu snasail ach tha sanasan ann airson fiosrachadh a thoirt a mach. Nuair a cleachdar litrichean air sanasan nach eil cho soillear ris na litrichean cleachdta anns a' chanan eile deanar crón air an fheum dhan Gaidheal. Tha mi an dochas gum faic sinn a' Ghaidhlig air sanasan rathaid anns a h-aon clodh-dhubh ris a' Bheurla gu luath!
Fàilte gu
AbairThusa
Clàraich
air neo Log a-steach
© 2010 Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil
Suaicheantais | Cuir fios mu thrioblaid | Prìobhaideachd | Terms of Service