AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Dè bhur beachd? Air mo shon fhèin, is math leam a leithid fhaicinn ann an Èirinn, oir tha iad uaireannan air chumadh seann stoidhle sgrìobhaidh na Gaeilge. Cuideachd, tha soighnichean mar seo ann an Steòrnabhagh - agus tha iad glè ghrinn.

Dar leamsa gum bi daoine a' gearan as bith dè nì sinn airson na Gàidhlig - beag neo mòr 's gum bi e.

Thoir freagairt

Freagairtean dhan deasbad seo

Dia is Muire is Colm Cille féin duit a Pheadar chóir! Nach buidhe dhuitsa a bhith thall an Éirinn - an cuala tu dad de Ghaeilge na sgìre ann? Togail is leigeil... nach e sin dòigh an t-saoghail mhòir, a charaid!

'S math a' chuimhne th' agam ort air an trèan na bliadhnaichean mòra sin air ais - 's tusa a tha siùbhlaichte!

Tha mise pòsda agus a' fuireach ann an Àird a' Bhàsair a-nisd - "saol an mhadra bháin" mar a their na h-Èireannaich!

Slán go fóill.

Thoir freagairt

Gun teagamh, 's e rud math th' annta. Ach ar leam, nach bu chòir soidhnichean-rathaid dà-chànanach a bhith ann idir san Eilean Fhada (Na h-Eileanan Siar) agus ann an cuid de dh' àiteachan anns na h-eileanan eile uile air taobh an iar na h-ALba. 'S e is còir a bhith ann ach sanasan aon chànanach - soidhnichean Gàidhlig gun Bheurla. (airson nan ainmean-àite). Agus san Eilean Fhada (Innse Gall), cha chòir ach corra shoidhnichean a bhith ann am Beurla air na rathaidean.

Thuirt Niall Gòrdan:
Dia is Muire is Colm Cille féin duit a Pheadar chóir! Nach buidhe dhuitsa a bhith thall an Éirinn - an cuala tu dad de Ghaeilge na sgìre ann? Togail is leigeil... nach e sin dòigh an t-saoghail mhòir, a charaid!
'S math a' chuimhne th' agam ort air an trèan na bliadhnaichean mòra sin air ais - 's tusa a tha siùbhlaichte! Tha mise pòsda agus a' fuireach ann an Àird a' Bhàsair a-nisd - "saol an mhadra bháin" mar a their na h-Èireannaich!

Slán go fóill.

Thoir freagairt

Thoir freagairt

RSS

About

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2010   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Prìobhaideachd  |  Terms of Service

Log a-steach dhan seòmar-còmhraidh