Bidh Ning ag ùrachadh a h-uile lìon-sòisealta 23mh Gearran. Tha sinn an dùil gum bi AbairThusa air loidhne fhad 's a tha iad ag obair ach mura bhios chì sibh duilleag gleidhidh.

Tha iad gu bhith ag ùrachadh air mar a tha dealbhan, bhidiothan agus ceòl ag obair agus chì sibh cluicheadairean ùra a' nochdadh.

Cuideachd bidh sinn a' faighinn Seòmar Còmhraidh ùr a bhios gu math coltach ri Facebook.

Ma tha sibh airson ionnsachadh mu dheidhinn an ùrachaidh, thoiribh sùil air am bhidio na leanas. (Ri fhaicinn sa Bheurla a-mhàin)


Taisbeanadh deilbh:


Cluicheadair Bhidio:


Cluicheadair Ciùil:


Seòmar Còmhraidh (Dùinte):


Seòmar Còmhraidh (Fosgailte):

Views: 2

Thoir freagairt

Freagairtean dhan deasbad seo

Mar a bhios sibh a' faicinn cha deach AbairThusa ùrachadh an-diugh, ach thèid an obair air adhart Diardaoin 26mh Gearran.
Chì sibh gun deach AbairThusa ùrachadh a-nis ach tha trioplaid neo dhà air nochdadh a-nis.

Gu ruige seo chan eil mi air a bhith comasach air a' Ghàidhlig a chur air na comharraichean ùra a' ciallachadh gu bheil tòrr Beurla ri fhaicinn air an duilleag-dachaigh a-rithist. Tha mi air brath a chur gu Ning airson faighinn a-mach ma bhios cothrom agam seo a dhèanamh ach cha d'fhuair mi freagairt fhathast.

Cuideachd chan eil na sràcan ann an ainmean a' nochdadh gu ceart san seòmar-còmhraidh ùr againn. Tha mi air brath a chur gu Ning an-diugh gus seo a cheartachadh.
Seo agaibh am freagairt a fhuair mi na bu traithe an-diugh:

Hello,
I'm sorry you've experienced this issue in chat! This is a known bug that we've recently seen pop up in chat. When using international characters often times the wrong symbols will appear in the chat module. This has been passed on to our developers who are currently investigating the best way to resolve this. Hopefully we can release a fix soon.

Thanks,
Brad

RSS

Naidheachdan BBC Alba

Ceistean mu Shionnach Cholbhasa

Muinntir Cholbhasa a' ceasnachadh mar a thainig sionnach marbh gu bhith air an eilean.

Tuilleadh thrioblaidean le siostam uisge Uibhist a Tuath

Uisge na h-Alba gus sreath choinneamhan a chumail an Uibhist a Tuath is daoine a' gearain air siostam an uisge.

Poilis a' rannsachadh bàs fireannaich an Uibhist

Tha na poilis air duine a chaidh a lorg ri taobh an rathaid an Uibhist a Deas ainmeachadh.

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan