AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Cuine a bhios tu 'cleachdadh 'de' airson 'of' agus 'na' airson 'of'. freagairtean anns a'Bheurla ma s'e ur toil le, gus a gheibh mi e ceart!

Thoir freagairt

Freagairtean dhan deasbad seo

You use "de" if it is a partitive; in the sense of "part of"

Aon de an luchd-ionnsachaidh
Dà fhacal den teacsa
Trì sgillin den airgead agam

Dè an "na" a tha thu a' ciallachadh? A bheil eisimpleir agad?

Thoir freagairt

aidh, sin ceart, ach s'e rud no dha nach tighinn ann an ciall seo -mar eisimpleir: Casteal nan Eilean Tioram -tha mi gu math cinnteach gu bheil sin 'ciallachadh 'Castle of the Dry Island' ach nach b'eudar dha sin a bhith 'Casteal dhen Eilean Tioram'?

'nan' 'nam' 'na' ann an ciall 'Caiteal nan....' Loch na Sreinge' 'Beinn na h-Iolaire' agus rudain mar sin.

taing dhut....


Adhamh na Fiathach (O'Broin a'ciallachadh 'of the Raven') eisimpleir eile, nach eil? ;)

Thoir freagairt

Sin an tuiseal ginideach. 'S e an alt a th' ann "na", "nan", "nam" anns na h-abairtean sin.

Tha barrachd air aon chiallachadh aig an fhacal "of" 'sa Bheurla agus 's e seo an duilgheadas a th' agad.

Seall an-siud: http://www.akerbeltz.org/beagangaidhlig/gramar/grammar_cases.htm

agus an-siud:

http://www.taic.btinternet.co.uk/leasan34.htm
http://www.taic.btinternet.co.uk/leasan35.htm
http://www.taic.btinternet.co.uk/leasan36.htm
http://www.taic.btinternet.co.uk/leasan39.htm

Tha mi an dòchas gum bi na mìneachaidh feumail dhut.

Thoir freagairt

uill, gabhaidh mi seall air!

taing dhut 'Mit Kein Uhr'


Adhamh
x

Thoir freagairt

'S e do bheatha :D

Thoir freagairt

Thoir freagairt

RSS

About

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2010   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Prìobhaideachd  |  Terms of Service

Log a-steach dhan seòmar-còmhraidh