AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Tha mi a' leughadh rosg Dhòmhnaill Lamont a-nis. 'Sann nas fhasa na nobhailean ùra mar Shrapnel no Là a' dèanamh sgeul do là. Tha mi a' leughadh rosg Iain MacAonghais cuideachd - 's e Dùthchas nan Gaidheal a th'air an leabhar, deas. le Mìcheal Newton.

Thoir freagairt

Freagairtean dhan deasbad seo

Thòisich mi air Dacha mo Ghaoil a leughadh, ach tha e rud beag doirbh dhomhsa fhathast. Is toil leam e co-dhiù, tha e èibhinn.

Thoir freagairt

Bidh mi an còmhnaidh a' leughadh Cothrom agus Litir do L-I. Tha mi a' leughadh rosg Dhòmhnaill Lamont a-nis. 'S ann beagan sean-fhasanta a tha an doigh-sgrìobhaidh aige ach furasda gu leòr dhomh - rud beag coltach an Litir do L-I.

Thoir freagairt

Bha mi airson Shrapnel a leughadh ach tha e ro dhuilich dhomh fhathast. Tha mi a' leughadh Am Misionaraidh le Iain Mac a' Gh. cuideachd. 'S ann gu math furasda a tha e.

Thoir freagairt

Thòisich mi air "Sia Sgeulachdan Gaidhealach" a leughadh. 'S e leabhar airson cloinne a th' ann, le mòran dealbhan ann agus chan eil e ro dhoirbh airson mo leughaidh.

Thoir freagairt

Bheir mi suil air an leabhar sin an ath thuras a thadhas mi air Comhairle nan leabhraichean

Thoir freagairt

S toigh leum 'Dileas Donn'. Tha e gu math eibheinn. Agus abair crioch !
Na bith sibh ag iarriadh stad a chuir air.

Thoir freagairt

Moran taing! Bha mi airson na sgeulachdan goirid le M. Mac an t-Saoir leughadh, ach bha iad caran doirbh dhomh. An do leugh sibh "Gymnippers Diciadain?" Tha mi air èisteachd criomagan air CD agus saolinn gum bi e nas fhasa tuigsinn.

Thoir freagairt

Cha do leugh, ged dh'leugh mi an mor cuid nan leabhraichan aig Ur Sgeul.

Ma tha sibh airson leabharaichean nas fhasa, feuchibh 'Klondykers', neo 'An Taigh Samhraidh'.

Uairanean, ma tha an cuspair nas choltach ris an doigh beatha agaibh fhein, tha e gur cuidichadh. Nan bhiodh an sgeul a cumail greim air an uidh agaibh, s'docha gum bith e na fhasa a cumail a dol dhan crioch.

Thoir freagairt

Mòran taing. Lorgaidh mi iad. Bhiodh mi toilichte "obair gu lèir Mhic a' Ghobhainn" faicinn air a' chlò agus anns a h-uile dachaigh Gàidheal

Thuirt Alison Lang:
Sgeulachdan goirid Iain Mhic a' Ghobhainn. Tha iad simplidh, fior dheagh Ghaidhlig annta agus goirid gu leor airson faighinn tron sgeulachd gu leir ann an uine ghoirid. Mholainn-sa "An Duine Dubh" do neach-ionnsachaidh sam bith, fiu 's aig ire nach eil fhathast cho adhartach.

Thoir freagairt

Tha mi a' leughadh Am Miseanairidh Mhic a' Ghobhainn an-dràsda agus tha e a' còrdadh rium gu mòr. 'S e sgeulachd tlachdmhor a th' ann agus tha an cainnt brèagha gun a bhith ro dhoirbh ri tuigsinn.

Thoir freagairt

Mholainn ri na luchd ionnsachaidh gu leir da leabhar bheag: Tir na Mealla agus Tir nam Blath. Is leabhraichean bun-sgoil a tha annta, a chaidh air eadar-theangachadh (eadar-litricheadh?) o Gaidhlig na h-Eireann re na 1960'n (50'n?), airson Roinn an Fhoghlum aig Comhairle Siorramachd Inbhirnis.

Is measgachadh de sgeulachdan goirid, bardachd simplidh & urnuighean cloinne a tha ann. Tha na sgeulachdan a' gabhail a-steachd fior seann sgeulachadan Gaidhealach (m.e. Sgeul Clann Lir, Bas Chonubhair & Padaruig Naomh, comhla le blasag de sgeulachdan coltach ri fear-bhonnaig) & eile, feumaidh mi aideachadh gu bheil sgeul neo dha ann nach eil idir p.c. ( ti mun t-amadan ainmeil "Sambo Beag Dubh" mar eisimplir) ....bu thoigh leams a fhaicinn na leabhraichean seo an clodh arithis...ach faodaidh don fhear bheag dhubh a bhi ainmichte airson dubhaid a fhalt, agus a'dol fon ainm Rambo.

Tha canan nan leabhraichean seo laidir ach simplidh gu leor. Tha mi a' measadh gur e deagh sineadh do chainnte luchd ionnsachaidh a tha annta. ... air barrachd b'iad na sgeulachdan Gaidhlig as fhearr a leugh mi riamh ri mo chuid cloinne aig am leabaidh. Is e mo laoch fhadhast an mathan beag buidhe....

Thoir freagairt

Tha leth-bhreac aig leabharlann Steòrnabhaigh

G491.6386

Thoir freagairt

Thoir freagairt

RSS

Naidheachdan BBC Alba

Urras a' dol às àicheadh cnap-starra

Uachdaran coimhearsnachd ag ràdh nach eil iad a' dol sa rathad air pròiseactan gaoithe coimhearsnachd.

Ceistean mu spreadhaidhean Inbhir Nis

Ceistean mu mar a chaidh uidheamachd spreadhaidh fhàgail faisg air dachannan sa Mharc Innis.

Bàtaichean gam milleadh an Inbhir Narrann

Boireannach an grèim as dèidh mar a chaidh bàtaichean nan teine ann an Inbhir Narrann sa mhadainn.

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2010   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil   Powered by .

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Terms of Service