AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Seo na sgrìobh tè air a' bhalla thall a Facebook Gàidhlig . Saoil am bi e gu mòran feum?

'Hey guys, have you checked out the new website dedicated to Gaelic www.mygaelic.com. It has been developed for Gaelic speakers, learners and non Gaelic speakers alike and has also been developed in three language levels. Definitely worth a look!'
http://www.facebook.com/group.php?gid=2216292068

Thoir freagairt

Freagairtean dhan deasbad seo

Chan ann tric a bhios mi air Facebook Gàidhlig so chan eil mi cinnteach mu dheidhinn sin, ach tha mi air beagan 'sanasachd' AbairThusa a dhèanamh air MyGaelic.com agus tha timcheall air 15 ball ùra air an clàradh ann an AbairThusa a-nis agus tha sinn air a bhith nas trainge san t-seachdain mu dheireadh, nach eil?

Thoir freagairt

Seadh tha an t-àite seo dripeil trang. Chan eil mi cinnteach idir ma bhios an fheadhainn a tha cleachdte ris a' chruth aig Facebook buailteach a bhith fada an luib mygaelic.com mus till iad dhan ghoireas abhaisteach aca. Chan eil mòran thall aig Facebook airson beagan Gàidhlig a thogail orra, saoilidh mi gu bheil iad taiceil dhan ghàidlig san fharsaingeachd gè-ta.

Thoir freagairt

An do chuireadh a' Ghàidhlig air Facebook? Leugh mi o chionn ghoirid gum bi Facebook a' toirt taic do dhuine sam bith a tha ag iarraidh dèanamh eadar-theangachadh.

tha mise ag iarraidh a' Ghàidhlig air an iFòn agam.

Chan eil mi air clàradh aig mygaelic.com fhathast. Dè ur beachd air? Tha e a' sealltainn mar gum biodh deagh bhriathrachas aige co-dhiù, ach tha mi riarachte gu leòr le Abair Thusa

Thoir freagairt

Gabh a-steach agus thoir sùil air ma thogras tu ach saoilidh mi nach eil mòran a' tachairt idir, idir. Nam bheachdsa an taca ri facebook, no abair thusa chan eil e furasta ri obrachadh.

Thoir freagairt

Bha mi dìreach airson ceangal a chur ris an deasbad bheothail mu dheidhinn MyGaelic a tha a' dol fhasthast air làrach ForArgyll (mar a tha fios aig Des Scholes ;-))

http://forargyll.com/2009/02/mygaeliccom-%e2%80%93-why-did-they-spe...

'S dòcha gu bheil e aitegin an seo fhathast ach cha do lorg mi e.

Thoir freagairt

Thoir freagairt

RSS

Naidheachdan BBC Alba

Urras a' dol às àicheadh cnap-starra

Uachdaran coimhearsnachd ag ràdh nach eil iad a' dol sa rathad air pròiseactan gaoithe coimhearsnachd.

Ceistean mu spreadhaidhean Inbhir Nis

Ceistean mu mar a chaidh uidheamachd spreadhaidh fhàgail faisg air dachannan sa Mharc Innis.

Bàtaichean gam milleadh an Inbhir Narrann

Boireannach an grèim as dèidh mar a chaidh bàtaichean nan teine ann an Inbhir Narrann sa mhadainn.

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2010   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil   Powered by .

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Terms of Service