Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Làrach-lìn oifigeil: http://www.filmg.co.uk/
Is e MG ALBA ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus 's e iomairt ùr a tha an FilmG le MG ALBA. Tha FilmG ag amas air tàlant ùr cruthachail a lorg aig àm nuair a tha an t-seirbheis ùr dhidseatach Ghàidhlig gu bhith air a cur air bhog. Is e MG ALBA ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Tha a' cho-fharpais fo rianachd Cànan, a' chompanaidh ioma-mheadhain agus chonaltraidh stèidhichte aig FÀS san Eilean Sgitheanach.
Tha a' cho-fharpais a' tabhann chothroman do luchd-dèanamh film air trèanadh ann a bhith a' cleachdadh uidheamachadh filmidh didseatach agus sgrìobhadh a thuilleadh air a bhith a' cur eòlas air luchd-proifeiseanta sa ghnìomhachas tro ar prògram comhairleachaidh agus bhùithtean-obrach.
Bidh cuirm nan duaisean cudthromach ann am mìosachan nam meadhanan Gàidhlig a' tàladh rionnagan film agus telebhisein na Gàidhlig. Is e cothrom air leth a tha seo don luchd-inntrigidh gus ceanglaichean sa ghnìomhachas a chruthachadh a thuilleadh air a' chothrom airson am film fhèin a thaisbeanadh.
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
© 2012 Created by Crìstean MacMhìcheil.