Lìon Sòisealta nan Gàidheal
'S e prìomh amas AbairThusa làrach-lìn chruthachadh, gu tùr trò mheadhan na Gàidhlig, a bhios co-ionann ri Facebook, Bebo 's a leithid leis an dùil gun gabh Gàidheil (agus Gaeilgeoirí) gnothaich ri cànan agus cultar na Gàidhlig.
Airson seo a dhèanamh tha roinnean dhen làrach-lìn far a bheilear a' brosnachadh buill a bhith a' luchdachadh a-nuas dealbhan, òrain agus bhidiothan. Cuideachd faodar blògaichean a sgrìobhadh, dol an-sàs ann am buidhnean beaga agus dol an-sàs ann an deasbadan anns an fhòram.
’S ann air leth cudromach a tha Coimhearsnachd na Gàidhlig agus air sgàth 's seo chithear Tachartasan Ghàidhlig air a’ phrìomh mhìosachan a chuir an rianaire agus luchd-cleachdaidh an làraich ris.
Cuideachd tha an Coimhearsnachd Air Loidhne gu math cudromach agus bidh AbairThusa ag obair còmhla ris na làraichean-lìn eile a leithid Fòram na Gàidhlig, Tìr nam Blòg, gOnline, Fòram Schottisch-Gälisch agus Seòmar Còmhraidh Gàidhlig gus cànan agus cultar na Gàidhlig bhròsnachadh.

Tha mi nam oileanach co-ghnèitheach a' dèanamh Ceum BA (le Urram) ann an Gàidhlig agus Leasachadh aig Sabhal Mòr Ostaig agus Ollscoil na hÉireann Má Nuad. Tha mi nam neach-chruthachaidh AbairThusa, na GayGaels, Naidheachdan Pinc agus Learning Gaelic.
Is mac-léinn bán mé ag déanamh Ceum BA (le Urraim) i nGaeilge na hAlbann agus Leasachadh ag Sabhal Mòr Ostaig agus Ollscoil na hÉireann, Má Nuad. Is fear déanta AbairThusa, na GayGaels, Naidheachdan Pinc agus Learning Gaelic.
I'm a gay student doing a BA (Hons) in Gaelic and Development Issues at Sabhal Mòr Ostaig and NUI Maynooth. I'm the creator of AbairThusa, na GayGaels, Naidheachdan Pinc and Learning Gaelic.
Fàilte gu
AbairThusa
Clàraich
air neo Log a-steach
© 2009 Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil
Suaicheantais | Cuir fios mu thrioblaid | Prìobhaideachd | Terms of Service