Eachdraidh Theaghlach
Tha an teaghlach agam a' tighinn às da fhreumhach. Taobh às an Èireann agus taobh èile às a 'Ghallaibh. Bha Gàidhlig aig cuid den Ghallaibhaich agus 'Caithness Scots' aig cuid eile. Chan eil tòrr fhiosrachadh agam mu dheidhinn an taobh Èireannaich mo theaghlach, ach bha na cuideachd athair m' athair à Bhaile Atha Cliath agus thàinig am muinntir às a' thaobh mathair m' athair bho Bhaile Meadhanach ann an Antrium.
Bha na luchd-labhairt Ghàidhlig mu dheireadh à Latheran,'s 's e Coinneach MacLeòid an t-ainm a bh' air, e fhèin 's a bhean, b' ise Seònaid Suthairleach. Thathar gu robh e gòrach Gàidhlig a theagasg ri clann aig an àm, oir dh' innis na daoine aig an robh ughdarras fhòghlam "Na bruidhinn Gàidhlig ris ur clann, 's e canan gun fheum a th' ìnnte".
Dh' innis athair mo sheanamhair dhith, nuair a bha e a' fàs aosda: "tha mi brònach nach do theagasg mo phàrantan Gàidhlig rium, 's e sean canan uabhasach àlainn a th' ìnnte". Aig an àm sin, 's e barail àraid a bh' aige! Dh' innis mo sheanamhair dhomh abairtean mar 'madainn mhath', 'oidhche mhath' (a' fuaimneachadh mar 'aige mhath' a-rèir mo sheanamhair còir) agus 'slàinte mhath' ach 's e sin ùile a bh' aice. Tha mi toilichte gun d' thàinig sin thugam co-dhiù, na b' fheàrr na cail!
Ann an ospadal air latha choireigin, mise nam shuidhe ri taobh an leapaidh mo sheanamhair, agus thuirt i rium:
"A' bheil thu ag ionnsachadh Gàidhlig fhathast?"
"Tha gu dearbh. 'S e obair nam chridhe a th'ann"
"Math. THOIR I AIR AIS! Thoir a' Ghàidhlig air ais dhan teaghlach againn!"
"Seadh. Ni mi sin"
Agus tha mi ag obair oirre fhathast!
Blog Àdhamh Ó Broin MhicLeòid

Air oidhche Dòmhnaich seo,
bidh sinn a' comharrachadh Oidhche Naomh Anndra ann an GRAMOFON anns a' Bhaile Merchant, Glaschu. Bidh ceòl 'is biadh air leth math ri lorg, cho math ri òraidean agus rudan ìnntinneach eile.
Tha an tachartas a' toiseachadh aig:
7f (19:00)
30mh An t…
Lean air adhart
Air a chur ann 27 an t-Samhain 2008 aig 5:46pm -
Tha mi air a bhith 'sgrùdadh airson fiosrachadh mu dheidhinn an t-seòrsa Gàidhlig a bha air bruidhinn ann an Gallaibh mus do chaochail i 'moch 'san linn mu dheireadh (uill, chan eil mi cìnnteach, ach tha mi ag amas air lorg a-mach a dh' aithghearr). Aig an àm seo, tha direach rud beag agam, ach rud beag co-dhiù.
Tha am facal smiorcadh, a' ciallachadh gu eibhinn gu leòr 'ciall' no 'gaisgeachd' no 'neart', gin de na cill seo. Cha robh duine aig a' bheil mòran fiosrach air cuisean Gaidhealach eòla…
Lean air adhart
Air a chur ann 1 an Lùnastal 2008 aig 8:00pm - 1 Comment
air an 6mh dhen Ghiblean,
cruineachaidh daoine air fad na h-Alba airson a'leughadh an 'Declaration of Arbroath' agus a'deanamh soileir an neo-eisimeilachd againn bhon Riaghltas Aonichte le ach aon guth!
mas e ur toil e, rach dhan duileag seo airson barrachd fiosrachadh: www.bebo.com/saoralba
bu toil leam a thoirt ann glè mhòran an 'Declaration' air a leughadh tro meadhan Gàidhlig, a'riochdachadh rudeigin fior chudromach dha Alba.
a'bheil duine sam bith airson 'gabhail oidhche comhla ri carai…
Lean air adhart
Air a chur ann 4 am Màrt 2008 aig 11:30pm -
Comment Wall (23 comments)
Feumaidh tu a bhith nad bhall ann an AbairThusa airson beachdan a thoirt seachad!
Clàraich
Ciamar a tha thu? nach robh am buth-obrach le Maeve uabhasach math. A bheil thu eolach air Fiona NicCoinnich cuideachd? Bha mi Oidhche Luain aig an foillseachadh airson an clar ur aice, Deagh Dhèis Aoidaich.
Colm
Tha mi duilich, chan ann tric a tha mi air Abair Thusa fhathast, ach tha mi a' smaoineachadh gum bi mi nas trice ann a-nis.
Is dòcha nach do fhreagair mi don teachdaireachd seo a sgrìobh sibh:
"Ciamar a tha Kazakh a' fuamachadh?
'bheil faisg air canain mar Turcach?
nuair a bha mi òg, bha caraid aig athair mo charaid a bha à Central Asia agus thuirt e gun do thuig e rud beag Gàidhlig, air chionns bha an canan aige 'is Gàidhlig faisg air ri chèile gu leòr airson beagan tuigsinn.
thuirt e gur e 'Tartar' a th' ann.
Chan eil 'ios 'am dè cho faisg a bha iad, ach ìnntinneach co-dhiù!"
Tha Kazakh gu math coltach ri Turcach. Gu dearbh, 's e fear de na cànanan Turcach a th' ann an Kazakh. Chan eil e faisg air Gàidhlig idir, 's e cànan gu math eadar-dhealaichte a th' ann! :)
Lìosa
Bha mi gle thrang...
Aye, tha da chu agam agus tha mi tric a' coiseachd ann an Scotstoun - feumaidh mi suil a chumail a-mach air do shon!
Air ais saor laitheann.
Tha "muime" ag eadar theangachadh mar "God mother" ach Se facail annasoch as an faclair a th'ann, chan eil dhaoine sam bith ga thuigsinn nauir a tha mi ga chleachdadh.
Chan eil mi cinnteach mun diofar eadar Gaidhlig Cataibh a Tuath agus Gaidhlig Gaillaibh. Cha do mhaothaich mi torr mun canan nauir a bha mi nas b'oige. Bha an cuid na motha na caraidean aig mo pharantan (leis a bheile gaidhlig) as an Blaran Odhar.
S'ann leis Alasdair MacMhaoirn a tha an eolas as fhearr air an cuspar, tha mi smaontinn no Raymond Bremner ann an Lybster.
Tha e tighinn a steach orm a nis gu robh an cuid nas motha na "slang" a chleachd sinn anns an roinn chluiche aig sgoil a bha tighinn as a Ghaidhlig.
Bha sinn a cleachdadh "cheile's" mar caraidean mar eisempler.
Bha an dhaoine a chleachadh "smeor-ing the fire" aig am ri leabaidh.
Calum
Ciamar a tha sibh?
Rè là àbhaisteach, tha Rùiseanaish agus Kazakh air a bhith am bruidhinn an seo mar as trice :)
'S e latha sàmhach bhos an seo an LA, tha mi an dochas gu bheil latha snog an sin ciudeachd.
'S e eun mòr dubh a th'ann am fitheach. Tha mi an còmhnaidh airson fithich a choimhead (http://ravens.celsius1414.com/), 's mar sin bidh "fitheach" na fhar-ainm orm. Bidh torr fithich a' fuirich ann an LA. 'S e Justice an slinneadh a tha orm, on teaghleach mo sheanamhair. Ràinig iad Virginia ann an 1650. Bhiodh "Mac a' Bhreithimh" orm 'sa Gàidhlig - tha mi gu math cinnteach gur e ainm Anglo-Norman a th'ann, ge-tà. Bha MacDhonnachaidh is MacAoidh is MacFheargais am measg mo shinnsearan Ameireacanach, agus tha mi den bheachd gun d'thànaig iad às a Ghallgaidhallaimh da cheud bliadhna air ais.
'S toigh leam an ceòl agad!
Sann a Ghaillaibh a tha mi ach as drasd tha mi a fuirich anns an t eilean dubh.
De chanainnsa mu Gaidhlig ann an taobh tuath ? Cha bith sgeul goirid, co dhui. Tha e cuir dragh orm gu h-araid nuair a tha an paipear-naidheachd airson cunspaid a toisichadh.
Tha cuimhne agam gu robh Gaidhlig aig foigheann nuair a bha mi ann an ard sgoil. Sgoilearan 's tidsearean. Ach, aig an am, nuair a bha mi og, cha robh mi mothachail, bha uidh agam air rudan eile.
Agus bha impis oirnn air sgoil math fhaighinn agus thalla dhan oilthigh. Agus mar h-uile caraid agam, dh'fhag sinn.
Mar gach fear og, saoil thu gum bith an seann cultur 's choimearsnachd ann gu brath. Cha do bhuail e a steach orm cho brisg sa bha an choimhearsnachd gus an robh mi air falbh.
Tha Gaidhlig aig mo mhuime mar chiad chanan ged a tha ise aig aois math a nis.
Tha an cuspair nas doirbh bhon aireamh na dhaione a tighinn a-steach tron bliadhnachean. Dh'fhuirich mi ann Inbhir Theorsa far an robh Dunreay a toirt atharrachadh mhor air an sgire, tairraing a-steach dhaione bhon taobh tuath Cataibh 's sgirean eile.
De tha suid a chaillaichadh, chan eil fhios agam ?
Tha mi gu math fiach mun suidheachadh an drasd, far a bheil buill chomhairle a toirt mealladh air an choimhearsnachd beag.
Ach, a dh'aindeoin gach cnap-starra bith ionad gaidhlig a toisichadh anns an bun sgoil an ath bhliadhna.
Chan eil fhios 'am ma tha seo freagairt air do cheast ?
Calum
Tha mi
Thoir sùil air na beachdan gu lèir