AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Art MacCarmaig
  • Fireann
  • An t-Eilean Sgitheanach
  • an Rìoghachd Aonaichte
Sgaoil 
  • Brathan-bhloig
  • Deasbadan (3)
  • Tachartasan
  • Buidhnean
  • Dealbhan
  • Clàir-dhealbh
  • Bhidiothan

Càirdean Art MacCarmaig

 

Duilleag Art MacCarmaig

Gifts Received

Gift

Art MacCarmaig has not received any gifts yet

Give Art MacCarmaig a Gift

Naidheachd as Ùire

Tha Art MacCarmaig na charaid do Sgleog, Crìstean MacMhìcheil, Joy Dunlop agus 2 a-nis
an t-Sultain 2
Tha Art MacCarmaig air beachd a thoirt air clàr-aithe Fionnghal
An Cèitean 13
Tha Fionnghal air beachd a thoirt air clàr-aithe Art MacCarmaig
An Cèitean 2
Tha Art MacCarmaig air beachd a thoirt air clàr-aithe Fionnghal
An Cèitean 2
Tha Fionnghal air beachd a thoirt air clàr-aithe Art MacCarmaig
An Cèitean 2
Hallo a Fhionnghail: 'S e 'the Arthur Cormack' a tha seo! Tha thu ag ràdh gun do sgrìobh thu dhan Bhòrd agus nach d' fhuair thu freagairt. Cò dha agus cuine?
An Cèitean 1
Tha Art MacCarmaig air beachd a thoirt air clàr-aithe Each
am Màrt 27
Tha Each air beachd a thoirt air clàr-aithe Art MacCarmaig
am Màrt 26
Stefan, a charaid, cha bu chòir dhut a bhith a' creidsinn a h-uile càil a tha thu a' leughadh sa Sun! Chan eil Rosmeary Ward na ball de Bhòrd na Gàidhlig. Bha i na ball bho chionn bhliadhnaichean ach dh'fhàg i airson dreuchd a ghabhail ag obair d...
am Màrt 16
Tha Crìstean MacMhìcheil air beachd a thoirt air clàr-aithe Art MacCarmaig
am Màrt 15
Hello, a chàirdean, agus tha mi toilichte pàirt a ghbhail san deasbad seo. Mar a bhios fhios aig cuid agaibh, 's dòcha, is mise caithraiche Bòrd na Gàidhlig. Ceist an toiseach air Stefan: Dè tha thu a' ciallachadh nuair a tha thu ag ràdh gur e mu...
am Màrt 15
Tha Art MacCarmaig na bhall ann an AbairThusa.
am Màrt 15

Comment Wall (4 comments)

Feumaidh tu a bhith nad bhall ann an AbairThusa airson beachdan a thoirt seachad!

Clàraich

Thuirt Fionnghal, 5:42pm 2 An Cèitean 2009,
Art chòir
Cha bhi post ann gu Dimàirt leis gur seo deireadh-sheachdain Là Buidhe Bealltainn, mar sin, chuir mi an litir air fad air an làrach seo. A-rèir coltais, chan eil comas ann pdf a chur air Abair Thusa mar sin, chan eil i ann ach mar litir sgrìobhte. Chì thu an seo i:

http://abairthusa.co.uk/forum/topics/litir-gu-cllr-foxley-mu-na

le deagh dhùrachd
Fionnghal
Thuirt Fionnghal, 1:16pm 2 An Cèitean 2009,
Art chòir,
Sgrìobh, gu dearbh, o chionn seachdainean air ais a-nis - mu 20mh là dhen Mhàirt mas math mo chuimhne. Dìreach là no dhà an dèidh dhomh tè a chur gu Cllr Foxley air an 17mh. Bha fios agam nach biodh thu fhèin san oifis aig BnaG ach air a' chorra là, mar sin, chuir mi leth-bhreac dhi gu Alasdair MacLeòid agus Rob Dunbar a thuilleadh air thu fhèin aig seòladh a' Bhùird agus leth-bhreac dhi cuideachd gu Coinneach MacFhionghuin aig an taigh aige. Mar sin, bha mi cinnteach gun rachadh a leughadh is a togail le cuideigin agaibh ge b' e cò agaibh a bhiodh anns an oifis.
Chuir, cuideachd, gu Mìcheal Foxley [dhan taigh aige] agus a h-uile fear is tè air Comataidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gaidhealtachd. Cha d' fhuair mi freagairt riamh o Mhìcheal Foxley no bho Chomataidh na Gàidhlig no, mar a thuirt mi, bho fhear idir a' Bhùird. Fhuair bho fhear a bha a' gearan gun robh e agam mar chomhairliche Libearalach seach fear neo-eisimeileach ach 's ann a bha e ag aideachadh gun robh mi air iomadh deagh phuing a thogail; fhuair mi freagairt car aghach bho chomhairliche ceann deireadh na sgìre againn fhìn is esan a-mach air Aonad Gàidhlig air choireigin a theid a thogail ann an taigh-tasgaidh thall an siud le na milleanan de notaichean on Chomhairle ach, nach bi deis taobh a-staigh 20 bliadhna! Mo chreach sa thàinig, Art! Bidh mi fhìn is mo chuid chàirdean a tha ag obair air cùis na Gàidhlig an seo an-dràsta fhèin marbh fada ron sin! 'S e an là an-diugh a tha cudromach dhuinn gus bun làidir a thogail is a leasachadh an seo, deagh springboard a chum Gàidhlig ath-fhàs ann an Srath Spè is Bàideanach - sgìre fìor Ghàidhealach a th' innte agus eachdraidh fada Gàidhlig againn! Leis a sin air dòigh, cha b' fhada a chithear piseach a' tighinn air a' chànan an seo! Uill, b' e sin ar dòchas, ach, a-nis le gearraidhean na Comhairle - cò aig a tha fios de thachras! Creid mi, Art, tha iarrtas an seo; iarrtas a tha a' fàs fad na h-ùine; iarrtas nach eil sinn ag iarraidh a chall!
Ach, tha e cinnteach gu bheil an litir a dhith ort. Chì mi an urrainn dhomh a toirt a-nìos dhan làrach seo gus am faigh thu i. Gheibh mi comhairle bho Chrìstean MacMhìcheil air mar a theid a dhèanamh.

le meas is gach deagh dhùrachd
agus là math buidhe Bealltainn dhut

Fionnghal, rùnaire 'Sinne', Srath Spè is Bàideanach
Thuirt Each, 10:30pm 26 am Màrt 2009,
Taing airson a toirt cothrom do dhaoine a cuir brath thugaibh.
Agus a gabhail pairt na deasbaidean. Cumaibh oirbh.

Nan biodh Am Bord a dol a Gaillabh, thoiraibh suil air an deasbaid air Caithness.org.

http://forum.caithness.org/showthread.php?t=71327&page=6

Tha mi dochas gum bith seo cuidichail.
Thuirt Crìstean MacMhìcheil, 10:11pm 15 am Màrt 2009,
Fàilte ort Art agus mòran taing airson gabhail ann an AbairThusa.

Ma tha ceistean neo trioblaid agad a-thaobh an làrach-lìn dìreach cuir brath thugam.

Dùrachdan,
Crìstean MacMhìcheil

Fiosrachadh Clàr-aithne

Sgrìobh beagan mud dheidhinn:
Seinneadair Gàidhlig, Ceannard Fèisean nan Gàidheal agus Cathraiche Bòrd na Gàidhlig. Pòsta le triùir chloinne agus a' fuireach san Eilean Sgitheanach.
 
 

About

Crìstean MacMhìcheil Crìstean MacMhìcheil created this social network on Ning.

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

 

© 2009   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Prìobhaideachd  |  Terms of Service

Log a-steach dhan seòmar-còmhraidh