AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Axel Koehler
  • Fireann
  • Obar Dheathain
  • an Rìoghachd Aonaichte
Sgaoil 
Twitter
Facebook

Càirdean Axel Koehler

Ceòl

A' luchachdadh...

Buidhneann Axel Koehler

Deasbadan Axel Koehler

Suaicheantas na Croise Ceiltich toirmisgte 'sa Ghearmailt ?
5 Replies

A thoiseach an deasbad seo Freagairt as ùire air a toirt le John Morton 24 Nov 2008.

Fàinne na Gàidhlig ?
3 Replies

A thoiseach an deasbad seo Freagairt as ùire air a toirt le GunChleoc 8 Aug 2008.

'Rapeseed' anns a' Ghàidhlig ?
6 Replies

A thoiseach an deasbad seo Freagairt as ùire air a toirt le GunChleoc 23 Jun 2008.

 

Duilleag Axel Koehler

Naidheachd as Ùire

Tha Axel Koehler agus Sgleog nan càirdean a-nis
13 an t-Ìuchar 2009
Axel Koehler added a song
 cluich cauain
03:54
13 an t-Ìuchar 2009
Tha Axel Koehler agus Joy Dunlop nan càirdean a-nis
14 an Gearran 2009

Fiosrachadh Clàr-aithne

Sgrìobh beagan mud dheidhinn:
Tha ùidh mhòr agam ann an dualchas is dùthchas nan Gàidheal (Gàidheil na h-Albann is Gàidheil na h-Èireann, Gàidheil Mhannainn) anns na seann-dùthchannan agus thall thairis, agus anns na ceangalan eadar na Gàidheil is na Gearmailtich on Mheadhon-Aois air adhart - ach tha mi measail air iomadh cultar eile san Roinn Eòrpa, na Lochlannaich, na Magyaraich agus na h-Eilbheisich nam measg...Is toigh leam cèilidhean is coiseachd a muigh air an dùthaich, agus is coma an ann anns a' mhonadh no air bruach abhann no locha tha seo...agus seadh, ged is toigh leam Gàidhlig Bharraigh is Gàidhlig Uidhist, is i Gàidhlig Earra-Ghàidheal an dualchainnt (no na dualchainntean...) as fheàrr leam, oir is ann an Earra-Ghàidheal a dh' fhàs mi measail air a' Ghàidhlig o thùs, iomadh bliadhna air ais, fiù mus robh a' Ghaeilge no a' Ghàidhlig agam.

Bàrdachd is sgeulachdan Acsail Òig

A Chàirdean chòir,

is e sgolair na Gàidhlig agus beul-aithris nan Gàidheal a th' annam, agus tha mi air a bhith a' fuireach ann an Albainn fad deich bliadhna a nise. Is iomadh àite a chunna mi 'an saoghal na Gàidhlig eadar an Ceathramh Ruadh thall 'an Conamara agus Rubha Robhanais, agus eadar Uidhist is Obar Dheathain, ach is ann à Hesse Uachdraich ann an teas-mheadhon na Gearmailte a tha mi o thùs. Agus mar sin, ged a tha adhbhar gu leòr agam bàrdachd molaidh a chur ri chèile air àitean breagha ann an Gàidhealtachd na h-Albann, is ann an Gàidhealtachd na h-Èireann, rinn mi luinneag air mo dhùthaich fhèin an toiseach - agus is e seo a' chiad pìos bhàrdachd-molaidh mu cheàrn 'sa Ghearmailt riamh a chaidh a dhèanamh 'sa Ghàidhlig:


O mo dhùthaich, is tu th' air m' aire,
ach chan e Uidhist a tha fainear dhomh,
chan e Uidhist a chì mi bhuam air an fhaire -
ach dùthaich bheag bhòidheach
ann an teas-mheadhon na Gearmailt',
is i an dùthaich as breagha a gheibhear fo iarmailt
tìr mòr na Roinn Eòrpa, is i làn coilltean, beanntan is creag -
is e 'Hessen' an t-ainm a th' air an àite bheag.

O Hesse, dùthaich nan coilltean is nan sliabh,
cha tig mòran an uisge na stiùireach dhuit riamh
am measg nan dùthchannan cèin
ach Alba agus Èirinn fhèin.
Dh' fhaoidte gun gabh treubhan eile
na Gearmailte dragh mu dhèidhinn
na tha mi 'cur sìos an seo,
ach chan eil mi 'cur sìos orra,
agus cha bhi, fhad 's a tha mi beò,
is mar sin, o dhùthaich mo dheòin,
cha ruigeadh e leas dhaibh gearain,
ged a dh' fhairicheadh iad leòn...

Chan e bailtean mòra mo dhùthcha 'tha mi moladh, co-dhiù -
ach beanntan is coilltean agus na bailtean beaga
eadar a' Choille Siar agus Monadh an Eòin,
agus monaidhean àrd is farsainn na Rhoen...
eadar Monadh nan Snagan-Daraich is Monadh nan Dùn !
Na sean-bhailtean, sean-eaglaisean, sean-abaidean is caisteil,
na pàlasan is na taighean spaideil ann an dùthaich nan gaisgeach
a tha mi 'moladh an seo, is iad cùis mo mhoit is mo phròis -
agus na pàircean àlainn uaine far am bu mhinig a ghabh mi fòis !
Is e seo an dùthaich dreachmhor far an do chuir mi seachad
làithean m' òig',
agus gheibhear ann iomadh bealach a dh' aithnicheadh bonn mo bhròig -
agus ged a tha mi an nise a bhos
ann an Albainn nan Gàidheal is nan Gall
seinnidh mi duanag anns an t-seann-nòs
do dhùthaich dreachmhor nan daoine dìreach thall !

Ged is toigh leam Gàidheil na h-Albann is na h-Èireann,
agus cuid de Ghoill Lòdainn is Shìorrachd Obar Dheathain,
cha dèan mi chaoidh dì-chuimhne air Hessen tlachdmhor mo mhuinntire fhèin !
Ged is toigh leam Garbh-chrìochan is Eileanan nan Gàidheal,
far am bu mhinig a ghabh mi tàmh,
is e Hesseneach treun a th' annam,
nam chridhe, is nam anam,
agus is i a' bhàrdachd seo obair mo làimh !

Acsail Òg


Seadh, seadh, dh' fhaoidte gun abair cuid de na Gearmailtich nur measg gur ann an 'Hesse Mheadhonaich' is chan ann 'an Hesse Uachdraich a bhitheadh mo bhaile fhèin, Lollar, ach coma co-dhiù, is ann à monaidhean na Hesse Uachdraich, à "Garbh-chrìochan na Hesse" a tha mo shinnsir. Is e àitean iomallach a th' annta, is iad cho bòidheach ri monaidhean na h-Albann is na h-Èireann - agus bha iad gu math Ceilteach mu 2000 bliadhna air ais. Gheibhear iomadh sean-dùn ann fhathast, agus b' e an Dünsberg no 'Cnoc an Dùin' faisg air Giessen fear de na dùin a bu mhotha nar ceàrn fhèin.
Aig bun Cnoc an Dùin, gheibhear baile beag air a bheil Fellingshausen mar ainm, ach is e "Feallehü" an t-ainm a th' air ann an dualchainnt an àite - eadar fealla-dhà agus Feallehü !

Gheibhear ann nigheanan breagha, agus tha mi eòlach air tè dhiubh troimh 'n sgoil...agus bha mi fhèin an sàs ann an obair-àrsaidheachd an siud, is mi am measg a' chiad buidheann de ghaisgich a nochd ballaichean an t-seann-dùin ann an 1999. Bha mi dìreach as dèidh a' chiad bliadhna a chur seachad air Oilthigh Obar Dheathain aig an àm sin...fhuaras tuilleadh nigheanan breagha am measg an luchd-àrsaidheachd, is mi a' teagaisg dannsa-cèilidh Albannach dhaibh. Abair gun robh deagh-chèilidh againn aig crìoch na h-iomairt !

Dealbhan Axel Koehler

A' luchachdadh...

Balla-beachdan (2 bheachd)

Feumaidh tu a bhith nad bhall ann an AbairThusa airson beachdan a thoirt seachad!

Join AbairThusa

Thuirt GunChleoc, 12:12pm 6 an t-Òg-mhìos 2008,
Halò!

Tha mi toilichte gu bheil na dealbhan agam a' còrdadh riut.

'S e uinneag Museum of Modern Art ann an Glaschu a th' ann a' chiad fear. Thug mi an darna fear aig cuirm-ciùil Beat the Drum le Runrig ann an Druim na Drochaid, agus an treas fear (a' bheinn) anns an t-Eilean Sgitheanach.
Thuirt GunChleoc, 6:02pm 3 an t-Òg-mhìos 2008,
Halò is fàilte ort, a charaid!
Thuirt Des Scholes, 4:04pm 3 an t-Òg-mhìos 2008,
Sin thu fhèin a bhalaich, faodaidh tu blog a sgrìobhadh a-nis :-)
 
 

About

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

 

© 2010   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Prìobhaideachd  |  Terms of Service

Log a-steach dhan seòmar-còmhraidh