Lìon Sòisealta nan Gàidheal
2 members
5 members
4 members
11 members
4 members
Air a chur ann 25 an t-Ìuchar 2008 aig 8:30pm -
Air a chur ann 25 an t-Ìuchar 2008 aig 8:05pm -
Air a chur ann le Crìstean MacMhìcheil
Crìstean MacMhìcheil has not received any gifts yet
Fàilte gu
AbairThusa
Clàraich
air neo Log a-steach
© 2009 Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil
Suaicheantais | Cuir fios mu thrioblaid | Prìobhaideachd | Terms of Service
Comment Wall (77 comments)
Feumaidh tu a bhith nad bhall ann an AbairThusa airson beachdan a thoirt seachad!
Clàraich
Thog sinn an aire gu robh duileag FilmG agad fhìn, tha sinn toillichte ri an taic! Ach- airson 'updates' cunbhalach a cuir timcheall bha sinn ag iarraidh duileag fhìne a cuir suas.
Co dhiu, an dòchas gum bidh a h-uile duine ag dèanamh filmichean Gàidhlig! Bidh buithean obrach a' tacairt ag SMO agus àiteachain eile ann an t-Sultain, seall air http://www.filmg.co.uk/gd/training.html
Tiors
Michelle Cotter
Margaideachd FilmG
le durachd
fionnghal
Taing air son do chomhairle, a Chrìstein. Cha do rinn mi aig an àm e ge-tà; bha mi fhathast car troimh chèile mun ghnothaich ach tha mi a' fàs nas fheàrr air rudan mar sin a-nis. Chuir mi pìos ceangailte ris a' chuspair sa cholbh, 'naidheachd' an seo, agus dh'obraich e :-) Nis tha Art MacCormaig ag iarraidh freagairt bhuam agus tha mi a' smaoineachadh gum biodh e na b'fheàrr buileach an litir air fad a chur ann leis gu bheil e soillear nach d'fhuair Art an tè a chuir mi dha sa phost o chionn seachdainean air ais. Mar a thuirt mi roimhe, tha i car fada agus tha mi a' smaoineachadh gum biodh e na b'fheàrr le bhreac mar chòmhlachadh pdf a chur ann seach sgrìobhte mar 's àbhaist. Cha mhòr nach eil trì dhuilleagan A4 de dh'fhaid innte. An gabhadh a chur ann na chruth pdf?
taing, a charaid
là math buidhe Bealltainn dhut
Fionnghal
Thuirt thu, "Bu toigh leam ainm nas fheàrr a chur air an làrach-lìn seo. Ma tha beachdan agaibh an toir thu an seo iad?" anns an làrach aig Twitter.
Dè mu dheidhinn 'Bìdil no Bìgeil?
Fionnghal
Raonaid
'S ann mu dheidhinn an t-Seirbhis Ionnsachadh na Coimhearsnachd a tha i san fharsaingeachd; tha an t-seirbhis sin air a bhith cho taiceil is cho cuideachail dhuinn an seo agus dhan Ghàidhlig thar nam bliadhna ach gu h-àraidh am bliadhn-sa. Tha cùisean Gàidhlig san t-srath againn air ceum mòr a ghabhail am bliadhna agus is ann leis an t-sàr stiùireadh agus an taic a rinn sinn e. Tha dùil againn fada a-bharrachd a dhèanamh .. an-dà, bhà!
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cur roimpe an t-seirbhis sin a chur às, uile gu lèir! Ma dh'fhaoidte gun do leugh thu mu dheidhinn sna pàipearan ach, cha robh e soilleir sna aithrisean sin, an droch chron a dhèanadh an gluasad sin air a' Ghàidhlig. Mar sin, air sgath 'Sinne' agus 'GaaP', buidhnean Gaidhlig na sgìre againn, tha mi air sgrìobhadh do Mhgr Foxley - a chur ris a mholadh 'cur às' - agus cuideachd do na comhairlichean eile a shuidheas air a' Chomataidh Ghàidhlig aig a Chomhairle. Tha feadhainn eile ris am bi mi a' sgrìobhadh cuideachd.
A bheil dòigh air choireigin a b' urrainn dhomh a postadh air an làrach gus cothrom a bhith aig a h-uile ball a leughadh agus am beachdan a thoirt seachad? An rud air nach eil fhios a'm, a bheil iomall air meud puist as urrainn do bhuill a chur ann?
le mo thaing
Nach eil dad nas fheàrr agad ri dhèanamh air oidhche Shathairne? 'S e an leisgeul a th'agam gun do thuit mi agus rinn mi cunntas Abair Thusa le meireachd. (Neo rudeigin mar sin). Agus bha agam ri fuirich aig an taigh airson m'fhalt a nighe.
Co dhiù, ciamar a chruathachas mi buidheann far nach eil ball ach mi fhìn ann? Chan eil mi airson measgachadh leis na plebs.
...Agus mòran taing airson mo làrach-lìn a chur ri ur clàr, ann an airson Gàidhlig sa Phàirc a tha sin?
"Tha, agus air son muinntir Shinne agus daoine eile a thig ar n-ionnsaigh a' lorg fiosrachaidh"
...Ma tha sibh airson cuideigin a dhèanamh nad charaid dhuibh, thèid dhan duilleag aige/aice agus chì sibh 'Cuir ri mo chàirdean' fon dealbh aige/aice. Briog air sin agus siud e.
"mile taing, a Chrìstein, thug mi sùil air agus tha mi a-nis air son cuireadh no trì a chur"
le deagh dhùrachd
Fionnghal
Thoir sùil air na beachdan gu lèir