AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

  • Brathan-bhloig
  • Deasbadan (7)
  • Tachartasan
  • Buidhnean
  • Dealbhan
  • Clàir-dhealbh
  • Bhidiothan

Càirdean Fionnghal

 

Duilleag Fionnghal

Naidheachd as Ùire

Is toil leam e :D
29 an Dùbhlachd 2009
Tha Fionnghal air beachd a thoirt air clàr-aithe Crìstean MacMhìcheil
27 an Dùbhlachd 2009
Fionnghal added a discussion
a Chàirdean còire, Dòchas gun robh Nollaig shona agaibh uile agus gum bi fìor deagh bhliadhna ri thighinn dhuibh uile Nuair a tha mi ag ullachadh na cuairt-litreach againn do na buill aig 'Sinne', 's e mo chleas aig an àm seo dhen bhliadhna mìosach…
27 an Dùbhlachd 2009
Tha Crìstean MacMhìcheil air beachd a thoirt air clàr-aithe Fionnghal
27 an Dùbhlachd 2009
Tha Fionnghal air beachd a thoirt air clàr-aithe Crìstean MacMhìcheil
26 an Dùbhlachd 2009
Fionnghal added an event
'Sinne', Blasad Gaidhlig 2010 - A Taste of Gaelic aig Kincraig Village Hall, Badenoch; Talla Cheann na Creige
am Màrt 6, 2010 fad an latha
'Sinne', Blasad Gàidhlig 2010 - A Taste of Gaelic Hosted by: 'Sinne', Strathspey & Badenoch Gaelic Group 'GaaP' Gàidhlig anns a' Phàirc HC Leisure & Learning Workshop levels: beginner & intermediate conversation & grammar The day's subject: Bàird n…
26 an Dùbhlachd 2009
Fionnghal added a discussion
A Chàirdean còire Ann an ùine gun a bhith fada, bidh baile ùr, An Camas Mòr, ga thogail ann an Srath Spè, air taobh thall an Uisge Spè agus mu choinneamh na h-Aghaidh Mhòire fhèin Soon, a new town will be getting built in Strathspey, across the rive…
26 An Cèitean 2009
Fionnghal added a discussion
[Beurla gu h-iseal] [Thog mi an deagh naidheachd seo on làrach Bòrd na Gàidhlig. Nach math e? :-) ] BÒRD NA GÀIDHLIG A' CUR FÀILTE AIR SEICICHEAN GÀIDHLIG LEIS A' BHANCA RÌOGHAIL 15 An Cèitean 2009 Chuir Bòrd na Gàidhlig fàilte air dearbhadh gu bh…
15 An Cèitean 2009
Tha Fionnghal air beachd a thoirt air clàr-aithe Mill a h-Uile Rud
14 An Cèitean 2009
Tha Mill a h-Uile Rud air beachd a thoirt air clàr-aithe Fionnghal
14 An Cèitean 2009
Tha Fionnghal air beachd a thoirt air clàr-aithe Mill a h-Uile Rud
14 An Cèitean 2009
Tha GunChleoc air freagairt a chur ris an deasbad 'Council cuts will hit Gaelic plan delivery' a thòisich Fionnghal
14 An Cèitean 2009
Tha Art MacCarmaig air beachd a thoirt air clàr-aithe Fionnghal
13 An Cèitean 2009
Tha Fionnghal air beachd a thoirt air clàr-aithe Crìstean MacMhìcheil
2 An Cèitean 2009
Tha Fionnghal air beachd a thoirt air clàr-aithe Art MacCarmaig
2 An Cèitean 2009
Fionnghal added a discussion
Seo an litir a sgrìobh mi gu Cllr Foxley, comhairlichean Comataidh na Gàidhlig agus muinntir Bòrd na Gàidhlig. Bha fios a'm gun robh am Bòrd a' cur taic ris a Chomhairle a thaobh na Gàidhlig, mar sin, bha dùil 'm gum biodh beachd aca air a leithid d…
2 An Cèitean 2009

Fiosrachadh Clàr-aithne

Sgrìobh beagan mud dheidhinn:
'S ann à Alba a tha mi, is mi a' fuireach ann am baile beag ann an teas meadhan na Gaidhealtachd. 'S snog e. Dh'ionnsaich mi mo chuid Gàidhlig ann an Colaiste Inbhir Nis agus an corra clas-feasgair siud san seo agus tha mi a-nis nam rùnaire shaor-thoileach aig buidhinn Ghàidhlig Shrath Spè. Cuideachd, mar riochdaire Shinne, tha mi nam bhall aig buidheann ùir Shrath Spè, GaaP, 'Gàidhlig anns a' Phàirc'. 'S ann air son Gàidhlig a bhrosnachadh sa sgìre a tha an dà bhuidheann agus tha deagh phiseach a' tighinn air a' chùis a-nis. :-)
A-bharrachd air a' Ghàidhlig, 's fhìor thoigh leam cactais, eòin a' ghàrraidh, leughadh sa Ghàidhlig agus Beurla agus rannsachadh sinnsearachd.
Le taic GhaaP is Ionnsachadh na Coimhearsnachd bidh Sinne a' ruith dà chùrsa Ghàidhlig a' tòiseachadh air 26 an Gearran - am mìos seo :-). Tha fèill mhòr aig mòran an seo air a' Ghàidhlig agus cha b' fhada gus an robh na clasaichean againn loma-làn.
Filmichean/T.Bh as fheàrr leam...
Chòrd Seachd gu mòr leam ach is gann a thadhlas sinn air an taigh-dhealbh
Leabhraichean as fheàrr leam
Feumaidh mi togail orm a-nis; sgrìobhaidh mi an còrr ann an ceann ùine

Balla-beachdan (2 bheachd)

Feumaidh tu a bhith nad bhall ann an AbairThusa airson beachdan a thoirt seachad!

Join AbairThusa

Thuirt Crìstean MacMhìcheil, 10:14am 27 an Dùbhlachd 2009,
A Fhionnghail chòir,

Deagh naidheachd, tha dà dhòigh ann a-nis! :D

Ma thòisicheas tu deasbad ùr san Fhòram neo ann am Buidheann. Chì thu àite aig bonn na duilleige far am faod thu faidhlichean a chur ann mar 'attatchments'. Seo agad eisimpleir a' sealltainn mar a nochdas 'attatchments':

Deuchainn

Air neo nuair a tha thu a' sgrìobhadh rud sam bith air AbairThusa, chì thu toolbar le putanan ann airson Clò-trom, Clò-eadailteach agus m.s.a.a. 'S e an duilleag bàn aig an deireadh a tha dhìth ort airson faidhlichean a chur a-steach dhan rud a tha thu a' sgrìobhadh. Seo agad eisimpleir a' sealltainn mar a nochdas seo:

Miosachan2010.pdf

Tha mi an dòchas gum bi seo feumail dhut, ach mura h-eil dìreach cuir fios thuagam a-rithist.

Tìors an-dràsta,
Crìstean

---
Crìstean MacMhìcheil

AbairThusa - Lìon Sòisealta nan Gàidheal
http://abairthusa.co.uk/

Naidheachdan Pinc - Naidheachdan LGBT sa Ghàidhlig
http://naidheachdanpinc.co.uk/
Thuirt Mill a h-Uile Rud, 9:35am 14 An Cèitean 2009,
A Fhionnghail chòir,

Faodaidh le cinnt!

Tim
Thuirt Art MacCarmaig, 10:15pm 13 An Cèitean 2009,
A Fhionnghail chòir: Duilich nach do thill mi thugad na bu tràithe ach chan eil mi a' toirt sùil air na deasbadan seo ach bho àm gu àm nuair a bhios beagan ùine agam. Tha tòrr phuingean anns an litir gu Mìcheal ach tha iad an urra ris a' Chomhairle. Tha làn fhios aig Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil sinne aig Bòrd na Gàidhlig an dùil gun tèid a' phlana aca a chur an gnìomh. Tha an dòigh anns a bheilear am beachd sin a dhèanamh an urra riutha fhèin ach bidh sinn a' cumail sùil air cùisean.

Tha coinneamh agam le Mìcheal an ath sheachdain, agus togaidh mi do litir leis. Chan urrainn dhomh freagairt às a leth, ach ma tha dad aige ri ràdh mun dòigh anns a bheil gainnead luchd-obrach a' dol a thoirt buaidh air cur an gnìomh a' phlana, leigidh mi fios thugad.

Le deagh dhùrachd

Art
Thuirt Art MacCarmaig, 2:15pm 2 An Cèitean 2009,
A Fhionnghail chòir: tha mi duilich nach d' fhuair mi do litir agus cha chuala mi dad a bharrachd bhon fheadhainn eile. Bhithinn air co-dhiù freagairt a chur thugad. Nach cur thu thugam lethbhreac aig m' àite-obrach? Fèisean nan Gàidheal, Taigh a' Mhill, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach, IV51 9BZ?
Thuirt Crìstean MacMhìcheil, 1:44pm 2 An Cèitean 2009,
'S e do bheatha a charaid. Tha mi duilich ri ràdh nach urrainn AbairThusa deiligeadh ri PDFan. Mura h-eil thu airson an litir air fad a chur air AbairThusa, feumaidh tu am PDF luchdachadh a-nìos gu làrach-lìn eile agus ceangal a chur ris an seo.
Thuirt Crìstean MacMhìcheil, 1:44pm 2 An Cèitean 2009,
Mòran taing airson ainmean moladh airson Twitter sa Ghàidhlig. Bha deasbad againn air Twitter agus bhòt sinn airson 'Craic' a chleachdadh mar ainm.
Thuirt Crìstean MacMhìcheil, 12:05pm 18 am Màrt 2009,
Tha dòigh ann gu dearbh. Thèid dhan Fhòraim, tagh an roinn far a bheil thu airson am pìos a chur ann. Nuair a tha thu air roinn a thaghadh chì thu +Toisich Deasbad sgrìobhte aig mullach na duilleige. Dìreach copy agus paste do sgriobhainn.
Thuirt Crìstean MacMhìcheil, 6:25pm 17 am Màrt 2009,
'S e do bheatha, a Fhionnaghail. Ma tha thu fhathast stuck leis, dìreach cuir fios thugam.
Thuirt Crìstean MacMhìcheil, 5:06pm 17 am Màrt 2009,
'S e an aon rud a th' ann an Gmail agus GoogleMail agus mar sin faodaidh tu an dà chuid a chleachdadh, m.e. faodaidh mise chrismacmhicheil@gmail.com neo chrismacmhicheil@googlemail.com a chleachdadh. Mura h-eil sin ag obrachadh dhut airson adhbhar air choireigin, feumaidh tu na seòlaidhean a chur a-steach leat fhèin. Air an aon dhuilleag, chì thu 'Sgrìobh seòlaidhean puist-d' air neo faodaidh tu gan toirt a-steach bho faidhle Address Book.
Thuirt Crìstean MacMhìcheil, 11:07am 17 am Màrt 2009,
A charaid, bu chòir dhut 'Cuiridhean' faicinn anns a' chlàr-innse aig mullach an duilleag, eadar 'Dachaigh' agus 'Mo Chlàr-aithne'. Ach mura h-eil thu ga fhaicinn seo ceangal dhut: http://abairthusa.co.uk/main/invitation/new.

Gifts Received

Gift

Fionnghal has not received any gifts yet

Give Fionnghal a Gift

 
 
 

Naidheachdan BBC Alba

Urras a' dol às àicheadh cnap-starra

Uachdaran coimhearsnachd ag ràdh nach eil iad a' dol sa rathad air pròiseactan gaoithe coimhearsnachd.

Ceistean mu spreadhaidhean Inbhir Nis

Ceistean mu mar a chaidh uidheamachd spreadhaidh fhàgail faisg air dachannan sa Mharc Innis.

Bàtaichean gam milleadh an Inbhir Narrann

Boireannach an grèim as dèidh mar a chaidh bàtaichean nan teine ann an Inbhir Narrann sa mhadainn.

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2010   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil   Powered by .

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Terms of Service