AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Mill a h-Uile Rud
  • Seattle, WA
  • na Stàitean Aonaichte
Sgaoil 

Càirdean Mill a h-Uile Rud

Naidheachd as Ùire

Tha Ruairidh Thor Neithercut agus Mill a h-Uile Rud nan càirdean a-nis
an Dàmhair 27
Tha Fionnghal air beachd a thoirt air clàr-aithe Mill a h-Uile Rud
An Cèitean 14
Tha Mill a h-Uile Rud air beachd a thoirt air clàr-aithe Fionnghal
An Cèitean 14
Tha Fionnghal air beachd a thoirt air clàr-aithe Mill a h-Uile Rud
An Cèitean 14
 

Ròc cruaidh fad na h-oidhche!!!

Ceòl

A' luchachdadh...

Fiosrachadh Clàr-aithne

Sgrìobh beagan mud dheidhinn:

'S e còmhlan-ciùil punc à Seattle a th' annainn a chaidh a chur air bhog ann an 2003. Tha triùir againn anns a’ chòmhlan: Tim (guth agus giotàr), Sgrios (guth agus beus) agus Sìne (na drumaichean). Thòisich Sìne agus Tim ag ionnsachadh na Gàidhlig nuair a bha iad a’ fuireach ann an Dùn Èideann. Nis, tha sinn a' fuireach a-null 's a-nall eadar Seattle agus an t-Eilean Sgitheanach.


Tha na h-òrain againn mu dheidhinn feise mar as trice, coltach ris a’ bhàrdachd aig Alasdair Mac Maighstir Alasdair. Dh'fhoillsich sinn CD ann an 2004 agus tha sinn air dà chlàr cruinneachaidh le Oi Polloi, Nad Aislingean agus Atomgevitter. Tha na h-òrain againn air fad 'sa Ghàidhlig.


Rinn sinn turasan air feadh nan Stàitean Aonaichte agus cuideachd ann an Alba agus anns an Roinn Eòrpa. Chluich sinn ann an Seòrnabhagh, Dùn Èideann agus Glaschu. Rinn sinn cuirm-chùil bheò air Rapal air BBC Radio nan Gaidheal agus bha prògram TBh mu ar deidhinn air a chrann-sgaoileadh anns an t-sreath, Ealtainn.

Ceòl as fheàrr leam...
Oi Polloi, Nad Aislingean, Atomgevitter, The Picturebooks, Runrig, Là Luain, Dannsa, Grá Gránna, Bréag
Làrach-lìn agam
http://www.millahuilerud.com/
Buidheann Clàir
http://www.myspace.com/problemrecordsuk

Dealbhan Mill a h-Uile Rud

A' luchachdadh...

Blog Mill a h-Uile Rud

Mill a h-Uile Rud

An dà chòmhlan 'punc' a tha a' seinn sa Ghàidhlig

Air a chur ann 28 am Faoilleach 2009 aig 4:34pm -

Mill a h-Uile Rud

How to learn Gaelic

Air a chur ann 28 am Faoilleach 2009 aig 4:30pm - 17 Comments

Mill a h-Uile Rud

Sùil air a' cheud chlàr aig Mill Mill a h-Uile Rud

Air a chur ann 28 am Faoilleach 2009 aig 4:30pm -

Mill a h-Uile Rud

Faclan nan Òran

Air a chur ann 28 am Faoilleach 2009 aig 4:26pm -

Mill a h-Uile Rud

Cuirmean-chiùil A Chluich Sinn

Air a chur ann 28 am Faoilleach 2009 aig 4:23pm -

Comment Wall (3 comments)

Feumaidh tu a bhith nad bhall ann an AbairThusa airson beachdan a thoirt seachad!

Clàraich

Thuirt Fionnghal, 10:38am 14 An Cèitean 2009,
Mòran taing, Tim :-)
Thuirt Fionnghal, 8:04am 14 An Cèitean 2009,
A charaid chòir, bha mi a' leughadh an litir agad, 'How to learn Gaelic'. Am faod mi leth-bhreac dhi a thoirt seachad do na buill is do na luchd-ionnsachaidh againn? Tha mu leth cheud dhiubh ann. Dhèanainn cinnteach gum biodh fios aca cò às a thàinig i is cò sgrìobh i. 'S e buidheann shaor-thoileach a th' annainn - 'Sinne' Buidheann-brosnachaidh na Gàidhlig, Srath Spè is Bàideanach ann an Alba. Tha mi smaoineachadh gum biodh an litir agad uamhaidh fhèin brosnachail dhaibh.
leis a h-uile deagh dhùrachd

Fionnghal

rùnaire aig 'Sinne'
Thuirt Raonaid, 9:16am 6 am Màrt 2009,
Leugh mi am blog agad agus 's math a rinn thu. 'S e deagh comhairle a th' ann. Ciamar a tha cùisean air an eilean? Tha dòchas orm gum bi cothrom agam tilleadh san t-samhraidh.

Raonaid
 
 

About

Crìstean MacMhìcheil Crìstean MacMhìcheil created this social network on Ning.

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

 

© 2009   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Prìobhaideachd  |  Terms of Service

Log a-steach dhan seòmar-còmhraidh