AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Raonaid
  • Boireann
  • Istanbul
  • an Tuirc
Sgaoil
Share on Twitter
Cuir ri Facebook
  • Brathan-bhloig
  • Deasbadan
  • Tachartasan
  • Buidhnean
  • Dealbhan (21)
  • Clàir-dhealbh
  • Bhidiothan

Càirdean Raonaid

 

Haidh!

Gifts Received

Gift

Raonaid has not received any gifts yet

Give Raonaid a Gift

Fiosrachadh Clàr-aithne

Sgrìobh beagan mud dheidhinn:
'S mise Raonaid. 'S ann à Èireann a tha mi bho thus. Dh' ionnsaigh mi Gàidhlig aig an t-Sabhal Mhòr agus tha mi a-nis a' fuireach ann an Istanbul.

Naidheachd as Ùire

Tha Mill a h-Uile Rud air beachd a thoirt air clàr-aithe Raonaid
9 an Giblean 2009
Tha Craig Atkins air beachd a thoirt air clàr-aithe Raonaid
6 an Giblean 2009
Tha Ruadh Mòr air beachd a thoirt air clàr-aithe Raonaid
1 an Giblean 2009
Tha Steafan Risnidh air beachd a thoirt air clàr-aithe Raonaid
18 am Màrt 2009
Tha Dàibhidh Grannd agus Raonaid nan càirdean a-nis
18 am Màrt 2009
Tha Crìstean MacMhìcheil air beachd a thoirt air clàr-aithe Raonaid
18 am Màrt 2009
Tha Raonaid air beachd a thoirt air clàr-aithe Dàibhidh Grannd
18 am Màrt 2009
Tha Raonaid air beachd a thoirt air clàr-aithe Craig Atkins
18 am Màrt 2009

Dealbhan Raonaid

A' luchachdadh...

Balla-beachdan (2 bheachd)

Feumaidh tu a bhith nad bhall ann an AbairThusa airson beachdan a thoirt seachad!

Join AbairThusa

Thuirt Mill a h-Uile Rud, 9:02am 9 an Giblean 2009,
Hey R. Duilich nach do fhreagair mi na bu thràithe ach chan eil mi a' coimhead air an duilleag seo cho tric sin. Tha an t-Eilean glè snog mar as gnàthach. Tha mi ag obair cus. Ciamar a tha an Tuirc? Tha mi an dòchas gu bheil thu gu math. Ròcamaid, Tim
Thuirt Craig Atkins, 8:28pm 6 an Giblean 2009,
Haidh ghràidh! Dè tha dol? Duilich nach do chuir mi freagairt air ais thugad na bu tràithe! Bha na laithean-saora agam dìreach math fhèin, chòrd iad rium gu mòr. Bha e math mo phàrantan fhaicinn cuideachd! (Ged gu bheil iad rud beag craicte!). Ciamar a tha cùisean san Tuirc? Dè do naidheachd? An tig thu air ais a dh'Albainn aig àm sam bith as t-samhradh seo tighinn? Gaol ort 's gad ionndrainn xx
Thuirt Ruadh Mòr, 8:18pm 1 an Giblean 2009,
Haidh a Raonaid,
Dè tha dol? 'S toil leam mo dhealbh ùr cuideachd! Bha mi ann am Meall nan Tarmachan.
Mar sin leat
Ruadh
Thuirt Steafan Risnidh, 3:36pm 18 am Màrt 2009,
Tha TG4 ri fhaighinn aig www.tg4.tv

agus cha leig mi leas ach www.bbc.co.uk/alba a chur a-steach, ach chan e ach an reidio a gheibh mi an seo.

Ma dh' fhaoidte gum bheil bacadh air san Tuirc?
Thuirt Crìstean MacMhìcheil, 2:49pm 18 am Màrt 2009,
Haidh a Raonaid. Lol, bha mi ann am Maigh Nuad agus feumaidh mi ràdh gun robh mi a' fuireach san Glen Royal fad grèis mus d'fhuair mi taigh ann an Celbridge :D

Bu toigh leamsa dol air ais cuideachd, ach tha mi fòrtanach gu leòr gu bheil mi san Eilean Sgìtheanach an-dràsta.

A bheil e còrdadh riut a bhith a' fuireach san Tuirc? Cha robh mi ann ach aon thùras, ann an Ölüdeniz agus Fethiye.
Thuirt Steafan Risnidh, 3:41pm 11 am Màrt 2009,
Halo Raonaid. Bha mi fhin aig an t-Sabhal Mhor cuideachd. Taing airson fios a chur thugam. Am bheil Gaidhlig na h-Eireann agad a bharrachd? Bidh mi a' coimhead air TG4 an seo gu math tric air an lion, agus beag air bheag, tha mi ag ionnsachadh a bhith a' tuigsinn na diofaran a tha ann eadar na dha Ghaidhlig, ach chan urrainn dhomh moran a radh idir anns a' Ghaeilge. Steafan
Thuirt Ruadh Mòr, 10:11pm 5 an t-Samhain 2008,
Haidh a Raonaid
De tha dol?
Ruadh agus Malbay
Thuirt Craig Atkins, 7:13pm 5 an t-Samhain 2008,
Duilich a ghràidh! Bu chòir dhomh ràdh "Gur math thèid leat" airson na h-ath oidhche! (cha bhi thu feumach air ged-tha, tha deagh fhios agamsa gum bi thu dìreach sgoinneil mar thidsear!). xx
Thuirt Craig Atkins, 6:49pm 5 an t-Samhain 2008,
Hey m' ulaidh! taing mhòr airson brath a chur thugams! Tha mi toilichte cluinntinn gu bheil cùisean a' dol glè mhath san Tuirc agus gu bheil thu nad thidsear a-niste! Wow abair thusa gu dearbha! feumaidh mi aiteachadh nach eil mi cho dìcheallach air na duilleagan seo ach feuchaidh mi ri bhith nas fheàrr a-niste (air sgàth 's gu bheil iad sa Ghàidhlig!). Chan eil naidheachd inntinneach sam bith agam dhut really...ummm... tha a h-uile sìon dìreach a' dol gu sèimh 's socair mar as àbhaist an-dràsta! Cumamaid ann an conaltradh co-dhiù! Slàn an-dràsta, Craig xx
Thuirt Crìstean MacMhìcheil, 8:00pm 4 an t-Samhain 2008,
Mòran taing airson sgrìobhadh thugam. Tha mi toilichte ri chluintinn gu bheil AbairThusa còrdadh riut.

Tha fios agam agus aig Ning fhèin air seo. Tha iad ag ràdh gur e trioplaid air an taobh aca a th' ann agus tha iad an dùil gum bi e air ceartachadh a-nochd.
 
 
 

Naidheachdan BBC Alba

Urras a' dol às àicheadh cnap-starra

Uachdaran coimhearsnachd ag ràdh nach eil iad a' dol sa rathad air pròiseactan gaoithe coimhearsnachd.

Ceistean mu spreadhaidhean Inbhir Nis

Ceistean mu mar a chaidh uidheamachd spreadhaidh fhàgail faisg air dachannan sa Mharc Innis.

Bàtaichean gam milleadh an Inbhir Narrann

Boireannach an grèim as dèidh mar a chaidh bàtaichean nan teine ann an Inbhir Narrann sa mhadainn.

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2010   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil   Powered by .

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Terms of Service