Mas e miltean a tha thu ag iarraidh agus sealladh air na h-Eileanan Breatuinneach ( bu sonraichte na steiseanan rathad -iaruinn), cha dean thu nas fhearr na bileag (da shligheach) eadar Caol Loch Aillse agus Corcaigh. £86. Tha mi a' smaointinn gu bheil sin mu deidhinn 10 sgillin/mile...An co-mheas le Rapsons faraidhean ur (£10.86 gach rathad Port Righ gu Caol).
Ach na till aig an ceann seachdainn am bliadhna seo ma tha cabhag ort! gu dearbh na till aig an ceann seachdainn mus am bi Network Rail air criochnachadh an ath-leasachadh den Rathad-Iaruinn Mor a thaobh Siar! Bha mi an Eire, Corcaigh an creidseadh sibh? an seachdainn a' chaidh.
Air an rathad air ais bhris mi an sgriob aig Chester ( Tha briseadh an sgriob air an rathad air ais ceadaichte leis a'bhileag seo, mar a thachair tha briseadh sgriob ceadaichte air bileagan rathad-iaruinn uair sam bith nach urrainn dhuit criochnaich an sgriob anns a h-aon latha: rud nach eil eu-chumanta ma bhitheas tu a' siubhal eadar iomallan a' bhranndair. Tha riaghailtean ann gun teagamh- bu choir dhuit a bhi air trean roimhe meadhan-latha an ath latha, ma ghabhas sin deanamh ach sin puing mineadach)
Ceadaichte ged tha, is docha gur e meirge a bha ann!
Eadar Seilbhaidhean Innleadaireachd agus tubaist carbaid air crasg-comhnard eadar Peart agus DunDeagh, Chaidh mo sgrio: bho Caer-Gybi dhan a' Chaol tro: (Fuireach mionaid theid am puirt aig Harry Lauder "The Road to the Isles" le seo )
Tro' An Caer agus Bromboro' (Cuid Oidhche) Mersey rail,
Poll a' Ghrudaidh, Preston, Bolton, Settle 's Carlisle,
Tro Glaschu, Peart, Ladybank, Dundeagh is Obar Eadhain
(Cuid Oidhche) Roimhe Inbhir Nis is Caoil.
Aaaaaaaaaaaaaaaaaaaaaaaaahhhhhhhhhhhhhhhhhhhhhhhhhh.
Bileagan:
Sgaoil
Feumaidh tu a bhith nad bhall airson beachdan a thoirt!
Clàraich