AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Tha mi air tiocaidean fhaghinn airson a' chiad treana do dh'Albha (Alloa). Bidh an loidhne ag ath-fhosgladh as deidh a bhith duinte fad iomadh bliadhna. Bidh na treanaichean seirbheis a' toiseachadh ann an da sheachdain ach bi turas sonraichte ann le treana smuid agus Deltic Diardaoin sa tighinn agus is mi a bhios air. Sgoinneil!

Sgaoil 

Thoir beachd

Feumaidh tu a bhith nad bhall airson beachdan a thoirt!

Clàraich

4 Comments

Alasdair MacCaluim Beachd le Alasdair MacCaluim 11 An Cèitean 2008 aig 4:14pm
Des a charaid, is math gu bheil thu deidheil air na deltics mar a tha mi fhein! Tha thu ceart, cha robh ach 22 dhiubh agus am prototype ann.

Tha mi air grunn dhealbhan a chur suas de rathaidean-iarrainn air mo larach air bebo: www.bebo.com/AmBroc.
Alasdair MacCaluim Beachd le Alasdair MacCaluim 11 An Cèitean 2008 aig 4:11pm
Chan eil mi idir cinnteach mu "Albha" Chunnaic mi sin agus "Allmhaigh" air Alloa agus chunnaic mi "Albha" air Alva cuideachd.
John Morton Beachd le John Morton 10 An Cèitean 2008 aig 11:43pm
Chan eil mi train-spotter no steam-buff (no Deltic-buff)! Ach bidh direach sgoinneil a shealltainn an lodhne ath-fhosgailte. Tha mi' n dòchas gum bi iad ag ath-fhosgladh an loidhne fad Dùn Phàrlann.

A bheil thu cinnteach air "Albha" airson "Alloa"? Tha baile eile ann an Clach Mhannainn agus 's e "Alva" an t-ainm a th' air - nach eil sin "Albha"?
Des Scholes Beachd le Des Scholes 10 An Cèitean 2008 aig 9:12pm
'S toil leam fuaim na Deltics ach tha fhios agam nach eil a h-uile duine measail orra. Saoilidh nach robh ann ach 22 dhiubh + proto-type?

About

Crìstean MacMhìcheil Crìstean MacMhìcheil created this social network on Ning.

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2009   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Prìobhaideachd  |  Terms of Service

Log a-steach dhan seòmar-còmhraidh