AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Chaidh mi don neach-fradhairc an-diugh airson a' chiad turais bho 1980 no mar sin an-diugh! Chaidh innse dhomh gum feum mi speuclairean fhaighinn airson leughadh. Thagh mi paidhir. Cha robh ach aon rud air m'inntinn nuair a bha mi a' coimhead tro na freamaichean uile - gum feumadh iad a bhith air leth mi-choltach ris an fheadhann aig Geddy Lee bho Rush. Mar rocair a tha a' dol gu torr chonsairtean agus do thaighean-sinnse roc gu tric, tha mi a' fas sgith de dhaoine ag innse dhomh gu bheil coltas Geddy Lee orm agus sin mus robh speuclairean agam!

Tha mo chlaisneachd a' fas dona cuideachd. Chan e m'aois is coireach ach cus ciuil ard. Chaidh mi a dh'fhaicinn the Cult ann an 1989 nuair a bha mi san sgoil agus bha e cho ard is gu bheil mo chluais chli a' seinn fhathast. Tha mi air a bhith aig torr chonsairtean bhon uair sin agus chan eil mi a' smaoineachadh gun do rinn iad cus cron air mo chlaisneachd - gus am faca mi the Cult a-rithist ann an 2006 - bha iad a cheart cho ard sa bha iad an turas mu dheireadh agus chaidh an tinnitus agam am miosad rud beag. Chunnaic mi the Australian Pink Floyd Show an t-seachdain sa chaidh agus na Quireboys is Dan Baird an t-seachdain seo agus tha mo dha chluais a' seinn fhathast.

Chan eil e mor, chan eil e glic agus chan eil e eibhinn mar a chanas iad sa chanain eile. Feumaidh mi plugaichean cluais matha fhaighinn mus bi mi cho bodhar ris an talamh. 'S e an duileadas a th' agam nach eil na plugaichean cluais a tha mi air feuchainn gu ruige seo air a bhith math - ged nach eil e deanamh cron sam bith air drumaichean is bass, tha thu a' call cus den treble agus airson ceol roc cruaidh is e call mor a tha sin oir 's e an giotar an rud as cudromaiche.

Tha consairt agam Didomhnaich (Slade is T-Rextasy). Feumaidh mi rudeigin a dheanamh ron a sin!

Sgaoil 

Thoir beachd

Feumaidh tu a bhith nad bhall airson beachdan a thoirt!

Clàraich

3 Comments

GunChleoc Beachd le GunChleoc 25 An Cèitean 2008 aig 9:20pm
Chan eil mi cinnteach. Ann an buth far a gheibh thu hearing aids, no leis an dotair, 's dòcha.

Seo na fhuair mi anns an eadar-lìn: http://www.soundguard.co.uk/musicians.html
Alasdair MacCaluim Beachd le Alasdair MacCaluim 25 An Cèitean 2008 aig 4:36pm
Gle mhath. Caite am faighinn an leithid?
GunChleoc Beachd le GunChleoc 25 An Cèitean 2008 aig 11:18am
Is urrainn dhut plugaichean fhaighinn a nì iad airson do chluasan fhèin. Nì iad mold (ciamar a chanas mi seo 'sa Ghàidhlig?) agus is urrainn dhut an sìolachan a tha thu ag iarraidh a chur ris a' phlug.

About

Crìstean MacMhìcheil Crìstean MacMhìcheil created this social network on Ning.

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2009   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Prìobhaideachd  |  Terms of Service

Log a-steach dhan seòmar-còmhraidh