AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Tha mi air a bhith 'sgrùdadh airson fiosrachadh mu dheidhinn an t-seòrsa Gàidhlig a bha air bruidhinn ann an Gallaibh mus do chaochail i 'moch 'san linn mu dheireadh (uill, chan eil mi cìnnteach, ach tha mi ag amas air lorg a-mach a dh' aithghearr). Aig an àm seo, tha direach rud beag agam, ach rud beag co-dhiù.

Tha am facal smiorcadh, a' ciallachadh gu eibhinn gu leòr 'ciall' no 'gaisgeachd' no 'neart', gin de na cill seo. Cha robh duine aig a' bheil mòran fiosrach air cuisean Gaidhealach eòlach oirre idir, agus 's ann an Ùist a Deas a bha e. Mar sin, bha rudeigin sònraichte a' dol ann an Gallaibh, fiù ma cha robh ach aon facal annasach ann!!!

's ann an t-abairt sileadh-sùith a tha a' comharrachadh ri ùisghe a thigeadh tron mullach na taigh-chroit, agus tha mi 'smaointinn gu robh sin air leth Gallabhach cuideachd. Nuair a thigeas an t-ùisghe tro mhullach, tha an sùith a' deanamh an t-ùisghe dubh agus gu math tiugh cuideachd. A bharrachd air sin, nuair a bhuaileas an stuth grot seo aodaich no rudainn mar sin air a' dheanamh às a chlò, tha e uabhasach fhèinn doirbh a-mach a fhaighinn.

Dè mu dheidhinn baobh? uill, 's e sith bheag grannda a tha seo, cho fada ri fios agam, agus a-rithist, 's ann an Gallaibh a fhuair iad. Tha iad air fhaicinn ann an sgire èile 'sa Gaidhealtachd, ach 's iadsan na boirreanaich mar bana-bhuidsich.

agus mu dheireadh thall, tha rann agam dhaibh, agus taing do Niallaidh airson an leabhar 'The Gaelic Otherworld':

Seachd sgadain sàth bradain
Seachd bradain sàth ròin
Seachd ròin sàth muice-mara
Seachd mucan-mara sàth Cìrein Cròinn

ris an robh uaireigin air a chuir:

Seachd Cìreinean Cròine* sàth an fhìr mhòir fhèin

ann an na faclain èile, An Diubhal, ma tha thu ag iarraidh.

Nam beachd, bha an rann seo airson 'teagasg ciamar a bha rudainn, an ordiugh nàdarrach tha mi 'smaoineachadh, ri cloinne. Fada fada nas fheàrr na:

"Nan obraichidh tu cruaidh, thig stuth math thugad"

Ma tha fiosrachadh èile ìnntinneach aig duine sam bith, thoir dhomh ma 's e ur toil e!


Àdhamh

*'s e am beathach as mòtha a bh' ann an t-uileabheist seo, aig mullach na 'food chain'....

Sgaoil 

Thoir beachd

Feumaidh tu a bhith nad bhall airson beachdan a thoirt!

Clàraich

Calum Iain Bartlett Beachd le Calum Iain Bartlett 4 an t-Samhain 2008 aig 4:02pm
Sdocha gu bheil sibh air seo fhaicinn ron an seo ach cuiridh mi an link an àrd co-dhiù:

http://www.bratach.co.uk/bratach/archive/Jun08/jun08_caithness-gaelic.html

Pìos sgoinneil a sgrìobh Domhnall Uilleam mu eachdraidh Gaidhealach Gallaibh a nochd anns am Bratach o chionn miosan. Tha cruaidh fheum air aon de na paipearan naidheachd mora (no sdocha direach an John o Groats Journal/Caithness Courier) am pios seo fhoillseachadh agus sdocha an uairsin nach cluinneadh sinn uidhir a dh'amaideas agus aineolas air an cuspair seo.

About

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2009   Created by Crìstean MacMhìcheil on Ning.   Create Your Own Social Network

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Prìobhaideachd  |  Terms of Service

Log a-steach dhan seòmar-còmhraidh