AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

B’ fheudar gu bheil sibh a’ saoilsinn carson a bhiodh duine sam bith dòchasach mu 2009, ach thà mise. Tha mi dòchasach air sàillibh gu bheil an saoghal ag atharrachadh, agus tha e a’ dèanamh sin air sàillibh gu bheil a’ mhòr shluaigh ge b’ e cò às a tha iad, seachd searbh sgìth le gnothaichean mar a tha iad. Tha Obama air an fheallsanachd “atharrachadh” a ghairm iomadach tursan, agus tha e ceart. Bidh an saoghal ag atharrachadh ann an 2009.

A’ tòiseachadh leis an suidheachadh anns an Ear Mheadhan – chan ann a-mhàin ann an Gaza, ach air feadh na sgìre – ann an Iraq cuideachd. Bidh Bush a-mach às an dealbh. Tha Blair a-mach às an dealbh a thaobh poileasaidh Breatannach thall thairis. Tha Hamas a-nis lag. Tha e a’ coimhead gu bheil co-dhiù comas ann gum bi Kadima a’ buanachadh an taghadh nàiseanta ann an Israel seach Likud a tha nas fhaide air an taobh deas. Bidh taghadh nàiseanta ann an Iran sa Chèitean cuideachd. Tha comas ann gum bi na Libearalaich san dùthaich sin a’ buanachadh agus gum bi Ahmadinejad a-mach às an dealbh. B’ fheudar gum bi sin uile a’ tachairt ann an co-theacs far a bheil Obama a’ toirt dòchas ùr do ar ginealach-sa.

Tha Amaireaga agus Iran cha mhòr deiseil airson bruidhinn ri chèile, rud nach do thachair bho nuair a ghabh na h-Iranianaich thairis air an ambasaid Amaireaganach. Tha am BBC aig an dearbh uair a’ toiseachadh ri craoladh ann am Farsi air an telebhisean – rud a nì diofar mòr air sàillibh gu bheil an saoghal a-muigh ag èisteachd ris a’ BhBC agus bidh luchd-labhairt Farsi (a tha a’ fuireach ann an Iran, Afghanistan agus Tajikistan) a’ gabhail ùidh ann.

Tha sinn beò ann an saoghal aig àm nar n-eachdraidh far a bheil gach ceàrnag diofraichte den t-saoghal deiseil airson tighinn còmhla ann an inntinn; Amaireaga, an Roinn-Eòrpa, an Ruis, an Saoghal Arabach, Israel agus Iran. Tha na daoine cumanta anns na Roinntean seo sgìth de chùisean mar a bhà tro na bliadhnaichean goirid mu dheireadh, agus tha iad uile, tha sinn uile deiseil airson an dòchas sin a tha Obama a’ gairm – atharrachadh.

Thoir beachd

Feumaidh tu a bhith nad bhall airson beachdan a thoirt!

Join AbairThusa

Liam O Caiside Beachd le Liam O Caiside 25 am Faoilleach 2009 aig 1:14pm
Tha mi'n dòchas gu bheil thu ceart, agus gum faiceadh sinn atharrachadh mar mholadh tu. Tha feum ann air atharrachadh, agus cùisean air a dhol cho fada ceàrr ann an iomadh dòigh agus iomadh àite.

About

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2010   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Prìobhaideachd  |  Terms of Service

Log a-steach dhan seòmar-còmhraidh