
'S beag a bha dùil a'm 's mi a' siubhal
air rathad Inbhir Garaidh sa chàr,
gun tigeadh stad grad air mo thriall
mar uisg' a' cur teine na smàl.
'S e uisge a rinn mo mhilleadh,
no ola a thug bhuam mo smachd,
no an e m' astar a thug orm tilleadh
dhachaigh gun chàr gun tlachd?
Dh'fhalbh an cùl air slighe leis fhèin;
cha do dh'fhairich mi crith no crathadh.
Bha an càr a' seòladh mus tug e leum
thar oir an rathaid anns a' mhonadh.
Fhuair mi às beò an t-seachdain sa chaidh nuair a chaidh mo chàr far an rathad agus sìos bruthach beinne. Chuir e car dà thuras mus do stad e mar a chìthear san dealbh seo shuas. Shaoileadh daoine gu robh mi fortanach nach deach mo leòn na bu mhiosa oir bha milleadh mòr air a thoirt air mullach a' chàr nuair a chaidh e bun os cionn, 's a bhuail e clach ann an grunnd an leathaid.
Ach, cha robh mi air mo leòn cus idir. Fhuair mi 3 lùban nam cheann agus bha sgrìoban air mo làmhan 's air mo cheann air sàilleabh nam bìdeagan glainne a thuit orm bho na h-uinneagan briste. Bha mi an dùil siubhal a dh'Èirinn an t-seachdain sin, ach cha d'fhuair mi ann, agus chaill mi cnap mòr airgid aig a' bhàt' -aiseag! Abair làithean-saora!
Gidheadh, fhuair mi air hò-rò gheallaidh math a thoirt a-mach ann an Loanhead faisg air Dùn Èideann, agus bha oidhcheannan math eile ann dhomh ann an Glaschu agus Dùn Dèagh còmhla ri mo bhràthair. Dh'òl sinn deoch-slàint' uisge-beatha le chèile air cho fortanach 's a bha mi faighinn às an tubaist gun ach beagan sgrìoban is sgròban!
Feumaidh tu a bhith nad bhall airson beachdan a thoirt!
Join AbairThusa