AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Cha ghabh a chur ann am briathran beòil dè cho àlainn is a tha an t-eilean seo. Agus, sa cheàrn seo den eilean gu h-àraid, Slèite, tha seallaidhean-tìre seiseil eireachdail rim faicinn air gach taobh.

THog mi an dà dhealbh seo aig uinneag san taigh far a bheil mi a' fuireach an-dràsta ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. 'S e an rud a th' ann nach eil aon latha coltach ris an latha roimhe a thaobh na ghabhas faicinn às an uinneag seo. Mar a tha an aimsir a' tionndadh daonnan, tha na seallaidhean-tìre a' cruth-atharrachadh dha rèir. Tha an aimsir a bhith cho caochlaideach san àite seo a' dèanamh gu bheil na dathan a thig aiste a' toirt air cruth is clàr na tìre atharrachadh iomadach uair san latha!

Seo dealbhan a thog mi bho chionn seachdain no dhà aig an aon uinneag sa bha mi madainn an-diugh.



'S e sealladh a bh' air mo làimh chlì nuair a thog mi e a th' anns an dealbh air an taobh shuas seo shìos, agus 's e a th' anns an dealbh a tha foidhe ach an sealladh a bh' air mo làimh dheas aig an aon àm, agus aig an aon uinneag anmoch sa mhadainn!


Gura math a chòrdas iad riubh!


Thoir beachd

Feumaidh tu a bhith nad bhall airson beachdan a thoirt!

Join AbairThusa

About

Coimhearsnachd Air Loidhne

AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!

Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig

Craic - Twitter sa Ghàidhlig

Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig

GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig

Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig

Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig

Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners

Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs

Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis

Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig

Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean

Suaicheantas AbairThusa

A' luchachdadh...

Tabhartasan

© 2010   Air a dhèanamh le Crìstean MacMhìcheil

Suaicheantais  |  Cuir fios mu thrioblaid  |  Prìobhaideachd  |  Terms of Service

Log a-steach dhan seòmar-còmhraidh