Chaidh mi air chuairt bheag ann an Caol Loch Aillse aig an deireadh-seachdain, agus a-steach leam dhan bhùidsear air phrìomh shràid. 'S e seo bùth a tha a' reic feòil agus glasraich le chèile - agus - abair gur e bùth math coimhearsnachd a th' ann. Bha a' chuid as motha den ghlasraich air am buain faisg air làimh, air neo co-dhiù ann an Alba. Bha iad a' reic currain mhòra eireachdail agus càl a chaidh àrach san sgìre fhèin. Bha creamh a bhuineadh dhan dùthaich seo - Inbhir Narann.

Cheannaich mi curran, càl mòr, dàrna leth de shnèip agus poca mòr buntàta air an deach comhairle mhath a thoirt leis a' bhana-Ghàidheal ghnàth-eòlach bheag thapaidh a bha gam fhrithealadh aig a' chunntair. A thuilleadh air sin, cha bu leisg leam taghadh a dhèanamh eadar diofar luibhean a bh' aca 's a chaidh àrach san Eilean Sgitheanach fhèin. Roghnaich mi bogsa beag fionnas-gàrraidh à Dùn Bheagain, 's charaich mi sa bhascaid agam fhèin e.
An dèidh sin, thionndaidh mi chun chunntair far an robh an fheòil air fad. Tòrr mòr ghearraidhean feòla. Dh' iarr mi oirre slinneanan Sìneach a thogail airson mo lòin an latha sin fhèin; ach 's e a bh' air clàr-mullaich air a h-uile nì a cheannaich mi sa bhùth sin air fad - a rèir mo bharail fhèin co-dhiù - ach pìosan eireachdail sitheann an fhèidh; dh'iarr mi dà dhòrlach dhith a thomhas dhomh.
Air ais dhachaigh, agus mi air mo chur romham an fheòil 's na glasraich a stobhadh uile! Mar sin, thug mi sùil ann an seann leabhar còcaireachd na h-Alba a tha air mo sheilbhidh bho chionn iomadh bliadhna, agus seo dhuibh a' choimeasg a thog mi às. Sitheann Stòbhach MhicDhùbhaich.
'S i coimeasg a thugadh bho Hotel Crusoe ann am Fìobh ri linn foillseachadh an leabhair, ach chan eil an tionndadh seo cho coltach ris idir. Cha do thog mi às an reasabaidh aca, ach a' chiad dà cheum.
Cungaidh bìdhe: Dà dhòrlach sitheann (pìosan stiubha) Leth-uinnean Dà chlòbh creamha Fìon dearg Sùgh feòla (teth) Cairteil shnèip Corra bhuntàta bheaga Leth-churran mòr Fionnas-gàrraidh mion-gheàrrte (2 dhòrlach) Ìm Salann Piobar Cnò-mheannt Spàin de shilidh raosaran dearga
An toiseach, leagh an t-ìm ann am poit mhòr, agus fraighig an t-uinnean (geàrrte), 's an creamh (mìn-gheàrrte).
Nuair a bhios iad maoth, cuir an t-sitheann ann, agus bruich e gus am bi e ruadh-dhonn. Cuir salann, piobar is cnò-mheannt ann a rèir do mhiann fhèin.
Crath mu dhà spàin-bhùird de mhìn-fhlùr a-steach ann agus cùm a' dol ga bhruich fad 2-3 mhionaid. An uairsin, taom steall math fìon dearg a-steach ann agus lean ort ga ghoil gu brais fad mionaid no dhà, air teas meadhanach àrd.
Dòirt an sùgh feòla (air neo, uisge goileach le ciùb sùgh-feòla) a-steach ann agus an uairsin cuir na glasraich geàrrte uile a-steach dhan phoit.
Feumaidh tu a-nis ga chaoin-bhruich fad uair a thìde le ceann air a' phoit. Thoir dha suathadh beag bho àm gu àm. Aig an deireadh, fhad 's a tha e a' caoin-bhruich fhathast air teas màlda, tilg dà chròglach pearsaill (fionnas-gàrraidh) a-steach ann agus thoir dha suathadh socair slaodach leis an lèigh mhòir fhiodha.
Nuair a bhios e deiseil, 's còir gu bheil an lionn ruadh dhonn, lìomharra agus gu bheil a thòchd is a dhath air a dhrùidheadh a-steach dhan fheòil 's dhan ghlasraich cheudna.
Sin agaibh Sitheann Stòbhach MhicDhùbhaich!

Faclan Feumail
fionnas-gàrraidh = parsley
cròglach/dòrlach - handful
maoth - tender
sitheann - venison
sùgh feòla - meat stock
ga bhrosnachadh/ga chaoin-bhraoich - simmer/simmer gently
gu brais - vigorously
teas màlda - a low heat
steall - a dash
thoir dha suathadh beag - give it a little stir
lìomharra - silky-shiny
tòchd - flavour, smell
cnò-mheannt - nutmeg
Feumaidh tu a bhith nad bhall airson beachdan a thoirt!
Join AbairThusa